summaryrefslogtreecommitdiff
path: root/39849-8.txt
diff options
context:
space:
mode:
Diffstat (limited to '39849-8.txt')
-rw-r--r--39849-8.txt1571
1 files changed, 1571 insertions, 0 deletions
diff --git a/39849-8.txt b/39849-8.txt
new file mode 100644
index 0000000..83f7050
--- /dev/null
+++ b/39849-8.txt
@@ -0,0 +1,1571 @@
+The Project Gutenberg EBook of Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ross, by
+Alexander Fraser
+
+This eBook is for the use of anyone anywhere at no cost and with
+almost no restrictions whatsoever. You may copy it, give it away or
+re-use it under the terms of the Project Gutenberg License included
+with this eBook or online at www.gutenberg.org
+
+
+Title: Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ross
+
+Author: Alexander Fraser
+
+Release Date: May 29, 2012 [EBook #39849]
+
+Language: Scots Gaelic
+
+Character set encoding: ISO-8859-1
+
+*** START OF THIS PROJECT GUTENBERG EBOOK GEARR-SGEOIL AIR SIR SEORAS ***
+
+
+
+
+Produced by David T. Jones, James Wright, Michael Bauer
+of Gaelic translation services www.akerbeltz.com, Ross
+Cooling and the Online Distributed Proofreading Canada
+Team at http://www.pgdpcanada.net
+
+
+
+
+
+
+
+
+
+
+ GEARR-SGEOIL
+
+ AIR
+
+ SIR SEORAS UILLEAM ROS
+
+ AGUS AIR
+
+ MAR A THUINICH NA GAIDHEIL
+ ANN AN CANADA UACHDRACH
+
+ LEIS AN
+ OLLAMH ALASDAIR FRISEAL
+
+
+ TORONTO, 1915
+
+
+
+
+ FACAL TOISEACHAIDH
+
+
+Is toigh le sluagh la-an-diugh a bhith leughadh eachdraidh-beatha
+dhaoine ainmeil: tha e iomchuidh gu'm bitheadh na Gaidheil cuimhneachail
+air diùlanaich an cinnidh fein, agus tha e 'na aobhar bròin cho beag 's
+a chaidh chur a'n clò mu Ghaidheil iomraiteach Chanada, am measg an robh
+daoine cliùiteach a choisinn moladh an co-dhuthchaich.
+
+Bho thoiseach àiteachaidh Chanada bha na Gaidheil am follais. Bha iad
+ann an armailt Wolfe aig Louisburg agus aig Quebec far an do thionndaidh
+iad an latha. An deidh na sìthe fhuair iad obair eile ri dheanamh. Thog
+iad fearann, chaidh iad a stigh gu doimhneachd na coille a bhuinnig
+dhachaidhean dhaibh fein. Shoirbhich leo is dh'fhàs iad lionmhor: anns
+gach gairm is gniomh bha iad deas; leòsan shocraicheadh seol-riaghlaidh
+agus móran de laghanan bunabhasach na tìre. Bhitheadh e chum
+toil-inntinn an gineil--dh'fhaoidte chum an leas--na 'm bitheadh iomradh
+orra air a ghleidheadh leinne.
+
+'S i 'n smuain so a mhàin ceann-fàth an sgeoil ghoirid so mu Ghaidheal
+Chanadach nach d'rinn dearmad riamh air Tìr nam Beann.
+
+
+
+
+ SIR SEORAS ROS
+
+
+
+
+ I.
+
+
+San t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheil caoidh mór a dhèanamh mu
+bhàs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mór spéis. B' e dleasanas
+a' phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a'
+bhàird cliù an laoich a chur air fonn nan dàn. B' i so an duais a b'
+àirde ris an robh dùil aig na flaithean Gaidhealach 's an t-saoghal so,
+maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh àrd no
+iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air àite
+urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha.
+
+Tha bàrdachd Oisein luchdaichte le trom thùrsa airson nam marbh gaisgeil
+a chuir deagh chomhraig 's a thuit 's a bhlàr:--
+
+ 'Charuill, tog do ghuth gu h-àrd
+ Air gach linn a bh' ann nach beò;
+ Caithear oidhche ann am mìn dhàn;
+ Faighear gàirdeachas 's a' bhròn.
+ 'S iomadh saoi is òigh 'bu chaoin
+ 'Ghluais o thùs a'n Innis-fàil.
+ Is taitneach dàin air na laoich
+ O thaobh Alba nam fuaim àrd.
+ 'N uair a dh' aomas farum na seilg
+ Fo ghuth Oisein nan caomh-rann,
+ 'S a fhreagras aonach an deirg
+ Sruth Chòna nan toirm mall.
+ --FIONN. D. I. 565
+
+Agus, a rithis, mar tha e ag imeachd le ceum stàideil na h-aoise:--
+
+ A ghutha Chòna, 's àirde fuaim,
+ A bhàrda tha luaidh mu aois,
+ Do'n eirich air 'ur n-anam suas,
+ Feachdan mór' nan gorm chruaidh laoch.
+ 'S taitneach leam aoibhneas a' bhròin,
+ Fo 'n lùb geug dharaig nan tòrr,
+ 'S an duileach òg ag eirigh maoth,
+ Togaibh-se, mo bhàird, am fonn.
+
+Cha 'n fheil carrachan-cuimhne a's brèagha no a's maireannaiche na
+iadsan a dheilbheadh leis na bàird mhóra,--Alasdair Mac-Mhaighstir
+Alasdair, Dunncha Bàn Mac-an-t-saoir, Iain Lom, Iain MacCodrum, agus
+Iain Moireastan, Gobha na Hearradh, mar air Domhnullach na Tòiseachd:--
+
+ Bha do phearsa 's do ghluasad,
+ Co tlachdmhor, neò-thuairgneach, is tlàth,
+ Chor 's gur tearc iad thug fuath dhuit,
+ Ged bu lionmhor bha fuaidht' riut a'n gràdh;
+ Aig na h-ìslean 's na h-uaislean,
+ Bha spéis dhuit, ged b' uaibhreach dhiubh pàirt,
+ Ni dh' fhag t-iomradh g' a luaidh ac',
+ Mar sgeul bròin o'n là chual iad do bhàs.
+
+
+
+
+ II.
+
+
+Cha 'n fheil e 'n am chomas cliù Shir Seorais Rois a chur an céill air
+an doigh so, ann an duan no òran, ach, mar sheanachaidh feuchaidh mi ri
+clach a chur 'n a chàrn.
+
+B' e athair, Seumas Ros, a mhuinntir Inbhir-feotharain, a'n Siorramachd
+Rois. Mar a dh'fhàs e suas chaidh e gu sgìre Eadardain, air taobh an
+ear-thuath de'n t-siorramachd. Bha e 'n a bhall measail de chomhthional
+Mhr. Chamshroin, agus tha ainm fathasd air chuimhne am measg nan seann
+daoine. Agus b'i mhàthair Eilidh Nic-Fhionnghain, a bhuineadh do
+theaghlach a chaidh o Inbhirnis gu taobh tuath fadhlach Chrombaigh, a 'n
+Siorramachd Rois. Bha deagh chliù oirre 's a' choimhearsnachd, agus mar
+a fear-posda fhuair i mór spéis bho càirdean 's an t-seann dùthaich. Bha
+chàraid so de fhuil ghlan Ghaidhealach fad iomadh ginealach; bha iad ni
+b'eolaiche air an teangaidh Ghaidhlig na bha iad air a' bheurla
+Shasunnach, agus b' abhaist do Shir Seoras, am mac, uaill a dheanamh
+gu'n d'fhuair e cànain agus smior a shinnseara gun smal gun ghiamh orra.
+
+Mar a rinn móran Ghaidheal eile 's an am, thriall Seumas Ros agus a
+bhean gu Canada, "tir a' gheallaidh" an la ud mar an diugh. Ach tha
+atharrachadh mór eadar suidheachadh Chanada an diugh, 's an dé. Tha e
+furasda do'n eilthireach a shlighe a dheanamh an diugh gu Canada an
+coimeas ris an turus cheudna a ghabh Seumas Ros mu thri fichead bliadhna
+'s a dha dheug roimhe so. An diugh foghnaidh da sheachdain air muir, is
+aon seachdain air tìr ge b'e cho fada 's a tha aig neach ri dhol. An sin
+ghabhadh e sè no seachd seachdain air cuan agus seachdain no'n còrr air
+loch is abhainn, a bharrachd air an ùine thar ròidean garbh-thollach
+tulganach, neo-shocaireach tre'n fhàsach, air am bitheadh e fein, a
+theaghlach, 's a chuid de'n t-saoghal air an tarruing air slaod-dhaimh
+gun dad a chabhaig.
+
+Thog an Rosach fearann ann am Middlesex aig Naruinn, àite a bha air
+ainmeachadh air Inbhir-Naruinn anns a' Ghaidhealtachd. Thuinich comhlan
+math de mhuinntir Rois 's an aite so, daoine sùghail, còir, coguiseach,
+nach d'fhàg as an deidh air taobh thall a chuain, cràbhachd an
+athraichean. Anns an tìr so chum iad "gu daingean samhladh firinneach
+nam briathran fallain a chuala" iad 'n an oige, agus cho luath 's a
+b'urrainn daibh thog iad, ann am frìthean domhail Ontario, Béteil dhaibh
+fein, anns an robh teagasgan móra a' Bhiobuill air an cuir an céill gu
+soilleir, soisgeullach, a réir bheachd "Athraichean Rois," mar ann an
+leabhar an Doctair Cheannaidich, Urramaich, nach maireann. Bha
+ministearan tearc, oir bha 'n sluagh sgapta 'n am badanan beaga thall
+'sa bhos thar mór astar, ach bha na daoine, mar a b' fhearr a b' urrainn
+daibh, "a' cumail am mach facail na beatha"; bha frasan o'n àirde ag
+ùrachadh an fhuinn, agus a'n deagh àm thainig toradh trom am mach.
+
+Ach cha d' fhàg na daoine so an cruaidh-fhortan 's am bochdainn 'n an
+deidh 's a' Ghaidhealtachd. Bha eiginn agus uireasbhuidh a' feitheamh
+orra a' n so, agus b' iomadh strith a bh' aca ri dheanamh a chumail an
+cinn os cionn na h-an-shocair. Dh'fhàg iad fearann cumhang, sluaghmhor;
+thainig iad gu fearann farsuing, beag-shluaghach. 'S an t-sean aite bha
+'n daimhich 's an càirdean fein aca. Ged bhitheadh an lòn air uairibh
+gann, gaoth an ear-thuath air uairibh greannach, cruaidh, bha'm fàrdach
+blàth le bàidh do chach a cheile. 'S an tir ùr bha lòn ri chosnadh le
+neart ghairdein agus spionnadh cridhe a thug cruaidh-dheuchainn air an
+neach a b'fhearr dhiubh. Cha d' thainig iad o an-shocair gu socair, ach
+gu duthaich, gealltanach mar bha i, a bha doirbh ri h-àiteachadh.
+
+'S lionmhor rann a chaidh dheanamh mu chor nan Gaidheal a bha'm measg
+ceud luchd-àiteachaidh Chanada. Tha na rannan a leanas o'n bhàrd
+Mac-Gillean, Mherigomish, 'dol direach gu cridhe na cùise, 'n a dhoigh
+gheur-bhriathrach fein. Ged rinneadh iad air Nova Scotia tha iad fior mu
+sheann Ontario, mar an ceudna:--
+
+ 'S i so an dùthaich 's a bheil an cruadal
+ Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a nall,
+ Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
+ A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann.
+ Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
+ Cha dean i suas iad 's cha'n ioghnadh leam,
+ 'S gach mallachd truaghain a bhios'g an ruagadh
+ Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.
+
+ * * * * *
+
+ 'N uair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
+ Bidh sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,
+ 'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
+ 'S ge maith an triùbhsair cha dean i feum,
+ Gun stocain dhùbailt' 's a' mhocais chlùdaich
+ 'Bhith's air a dùnadh gu dlùth le éill;
+ B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
+ Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.
+
+ Mar bi mi eòlach airson mo chómhdaich
+ Gu'm faigh mi reòta mo shròn 's mo bheul;
+ Le gaoth a tuath a bhith's neamhail fuaraidh
+ Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur.
+ Tha'n reothadh fuath'sach, cha seas an taugh ris,
+ Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur;
+ Mur toir mi blàths d'i, gu'm brist an stailinn,
+ 'S gun dol do'n cheardaich cha ghearr i beum.
+
+ 'N uair thig an samhradh 's a miosa céitean
+ Bidh teas na gréine 'g am fhagail fann;
+ Gu'n cuir i spéirid 's a h-uile creutair
+ A bhith's fo éislean air feadh nan toll:
+ Na mathain bhéisteil gu'n dean iad eirigh
+ 'Dhol feadh an treud 's gur-a mór an call;
+ 'S a chuileag inneach gu socach puinsionta
+ 'G am lot gu lionmhor le roinn a lainn.
+
+ Gu'n dean i m' aodann gu h-olc a chaobadh
+ Cha'n fhaic mi 'n saoghal 's ann 'bhith's mi dall,
+ Gu'n at mo shuilean le neart a cungaidh
+ Ro-ghuineach drùidhteach tha sùgh a teang.'
+ Cha'n fhaigh mi aireamh dhuibh ann an dànachd,
+ Gach beathach gràineil a thogas ceann,
+ 'S cho liugha plaigh ann a 's a bh'air righ Pharaoh
+ Airson nan tràillean 'n uair bhàth e'n câmp.
+
+ * * * * *
+
+Ma bha 'choille fiadhaich, fuachd a gheamhraidh is teas an t-samhraidh,
+dian-chruaidh, na cuileagan, nimheil, na fiadh-bheathaichean, lionmhor,
+na ròidean, garbh, 's am fearann 'n a dhithreabh doirbh "As nach tugadh
+an Fhéinn iad féin aran," bha cridheachan nan daoine teoma, laidir, 's
+cha robh gealtair 'n am measg. Mar bu chruaidhe an gnothuch b'ann bu
+chalma am misneach, 's cha b' fhada gus an d'thug iad buaidh.
+
+Thainig Seumas Ros, agus na bha leis, 's a' bhliadhna 1832. Bhuineadh am
+fearann a thog iad do'n Chuideachd Chanadach agus b' i phrìs da dholair
+an acair. Bha 'n talamh gu leir air a chomhdach le coille mhoir,
+dhùmhail dhrislich. Bha craobhan de iomadh seorsa ann,--bha 'n giuthas
+pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus móran eile
+freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd.
+Dh' fhosgail a' Chuideachd Chanadach aon rathad troimh 'n sgìre; b'e sin
+uile na rinn iad. Bha muilean-sabhaidh aig fear-ionad na Cuideachd, d'am
+b' ainm Domhnull Mac-an-Toisich, faisg air laimh, ach cha robh goireas
+eile 's a choimhearsnachd. B' e cheud ni a bha ri dheanamh taighean a
+thogail airson fasgaidh nan teaghlaichean,--mar theirte riutha
+_Shantaidhean de logaichean_--bothain de fhiodh garbh air a mheadhadh
+leis an tuaigh.
+
+Ged bu taighean beaga, fiodha bh'annta cha bu taighean suarach iad; bha
+iad air an deagh thogail, goireasach agus dionach ri gaillionn a'
+gheamhraidh. Dh' fheumadh neach a bhith làmh-ghleusta, eòlach air gnàths
+na tuaighe, an uird, an tàil, 's an tora; agus, mar an ceudna ceann
+seadhail a bhi air a mhuineal mu 'n rachadh aige air taigh _logaichean_
+a thogail gu ceart.
+
+ Gu'n do dh' aithnich mi o'n uair sin
+ Gu'm bu chruadalach a chuis dhomh
+ Teannadh ri reiteach na coille
+ 'S gun mi goireasach g'a ionnsaidh.
+
+ 'M fear nach dean obair le tuaigh
+ Is nach urrainn an uaisle 'ghiùlan
+ B' fheàrr dha fuireach ann an Albainn;
+ 'S gun an fhairge gharbh a stiùireadh.
+ --Mac-GILLEAN.
+
+
+
+
+ III.
+
+
+Cha robh aoidheachd bhlàth a' feitheamh air na Rosaich an uair a rainig
+iad an dachaidhean ùr ann an Ontario, oir cha robh neach sam bith aig
+ceann an uidhe a thoirt aoidheachd dhaibh. Bha 'n tìr falamh, fàs, ann
+an staid naduir, gun chraobh air a leagadh, gun taigh air a thogail:
+bha'n talamh, gun teagamh, reamhar, trom, ach bha i air a tur-chomhdach
+le coille gharbh a dh'fheumta chur deth bonn. B'e cleachdadh nan
+Gaidheal ann an Canada, gach coibhneas a' nochdadh d'an luchd-duthcha a
+bhitheadh a tighinn d'an ionnsuidh. Bha iad lamh-fhosgailte, fialaidh
+d'an co-chreutairean, gu h-àraidh d'am muinntir fein. Mar bu tric
+bhitheadh fios aca mios no dha roimh laimh gu'n robh seana
+choimhearsnaich a' tighinn, agus dheantadh ullachadh air an son. Aig an
+am cheart rachadh neach eòlach g'an coinneachadh air an t-slighe, chum
+an treòrachadh gu baile, far am bitheadh cairtealan deas air an son am
+measg nan càirdean. Gheibheadh iad fàilteachadh cridheil, coibhneil,
+agus an deidh la no dha 'dhol seachad a'leagail dhiubh sgios an turuis,
+rachadh fearann freagarrach a thogail air an son. Air dha so bhi deanta
+thòisicheadh an obair gun dàil; agus b'i sin an obair!
+
+B'e cheud ni àite a thaghadh airson taigh-comhnuidh agus treabhair,
+faisg air am bitheadh uisge math airson duine is ainmhidh. Bu tric so
+air bruaich sruthain far an cluinnte torman caoin an uisge, no air
+bràigh tomain seasgair, a ghlacadh araon deò ùrail an t-samhraidh agus
+gaoth ghrianach an fhogharaidh. Ach air iomadh baile-fearainn cha robh
+idir sruth no tom, loch no bealach; bha mhórchuid 'na mhachair
+chomhnaird fad mhìltean air gach taobh. Air tìr de'n t-seòrsa so dh'
+fheumta tobar a chladhach fada fodha 's an talamh, agus ri thaobh
+rachadh na taighean a chur suas. Air do'n bhaile agus làrach nan
+taighean a bhith air an taghadh, chruinnicheadh na coimhearsnaich gus an
+togail. Bhitheadh obair ann daibh uile. Bhitheadh na craobhan ri
+ghearradh sios chum làraich a dheanamh do'n taigh, oir b' ann 's a'
+choille a bha 'n gniomh ri dheanamh. Dh' fheumadh an làrach a bhith cho
+farsuing 's nach tuiteadh craobh 's am bith a leagadh stoirm air an
+taigh. Rachadh, a'n sin, làrach an taighe a thomhas, agus a reiteachadh,
+agus ùrlar comhnard, reidh a dheanamh airson nan seòmar. Mur bu tric
+bhitheadh na taighean de'n aon mheud is dealbh; far am bitheadh
+teaghlach mór, bhitheadh seòmar no dha a bharrachd air an cuir ris an
+taigh, ach am bitheantas 's i bhitheadh ann fardach de tri no ceithir a
+sheòmraichean, mu dheich throidhean fichead air a fad, agus mu fhichead
+troidh air a leud. Anns a' chuid bu mhotha dhiubh bhitheadh lobhta air
+am bitheadh àite-laidhe òganaich an teaghlaich, agus, ri cliathaich an
+taighe bu dual do sheòmar cùil no dha a bhi ann airson nan nighean. Fo'n
+ùrlar bhitheadh seilear air a cladhach, anns am bitheadh measan,
+luibhean-gàraidh, biadh is annlann air an dion bho theas 's bho fhuachd
+na h-aimsir. B'ann car mar sin bha cumadh nan taighean-comhnuidh a bha
+nis gu bhith air an togail. Bha 'n sgil bu mhotha feumail airson
+oisinnean an taighe agus bhitheadh ceathrar dhaoine tapaidh a'
+frithealadh do'n ghnothuch sin. Bhitheadh na craobhan bu fhreagarraiche
+air an gearradh sios 's air an slaodadh le daimh gus an làrach.
+Bhitheadh iad a'n sin air an leagail sios 's an àite cheart, a' cheud
+shreath air bunchar cloich, agus chuireadh na h-oisinnich a'n eagan a
+cheile iad, g'am fiaclachadh gu gramail, eagnaidh, mar bu chòir. Ged
+nach robh inneal saorsainneachd aig na daoine ach an tuagh, bhiodh
+oisinnean agus ursainnean an doruis is nan uinneag air an gearradh cho
+glan, 's air an suidheachadh cho coimhlionta 's ged bu chlachan snaighte
+de'm bitheadh iad air an deanamh. Mar a rachadh na ballachan suas
+bhitheadh sogan air na daoine, oir bu taitneach an ni a bhith faicinn na
+h-aitreibh ag éiridh gu h-eireachdail fo'n laimh. Sreath air sreath,
+craobh air a sìneadh air craoibh, rachadh na ballachan suas gu àirde
+ochd no naoidh troidh, agus, a' n sin, thoisichte air am mullach a
+thoirt a steach. Cha b' ionnan mullaich nan taighean so agus mullaich
+nan seann taighean beaga Gaidhealach. A'n so cha robh maidean-ceangail
+móra, maide-droma, sparran-tarsuing, sailthean taobhanach, cabair,
+ceannabhaidhean, no maide-feannaig. Agus cha robh am mullach, biorach,
+àrd, no cas, mar 's an t-seann dùthaich, ach, an cumantas, car plod,
+iosal; gun ach beagan claonadh bho'n druim-àrd gu bràigh a' bhalla.
+Bhitheadh am mullach air a thoirt a steach, le bhith cur craoibh air na
+tulchainnean, 's air na taobhan, uair mu seach gus an tigeadh an da
+thaobh, uidh air an uidh, ri chéile, 's a'n sin bhitheadh am mullach
+deas airson an tughaidh. Cha b'ann de sgrath, no fraoch, no fodar a
+bhitheadh an tughadh, ach mar bu tric de rùsg chraobhan móra, mar am
+beith no'm _basswood_. Bu ghnàth leò an rùsg a ghearradh a'm bloidhean
+gach aon mu cheithir troidhean air fad, agus bho throidh gu ochd oirlich
+deug air leud. Rachadh an tairngneadh ris na taobh-shailthean, car
+coltach ris mar a chuirear sgliatan suas, oir na h-aoin a' tighinn dha
+na thri oirlich thairis air oir na h-aoin eile. Bha so a' toirt an deagh
+thughadh dhaibh, dìonach agus blàth agus buan. Bhitheadh an teintean aig
+ceann an taighe. Bho lic gu mullach bhitheadh an similear air a dheagh
+chreadhadh, agus b' ainneamh an aon anns nach bitheadh tarruing mhath
+air a' cheò. A réir a chomais chuireadh neach ùrlar fiodh, leachdan, no
+creadh, 'n a thaigh, an toiseach, ach cia air bith mar thòisichte, cha
+b'fhada gus am bitheadh an fhardach seasgair, goireaseach.
+
+A chionn nach robh na craobhan de'n robh am balla air a thogail,
+snaighte, bhitheadh iomadh fosgladh eadar na sreathan tre 'n tigeadh
+gaoth is fuachd, agus chum so a bhacadh thionailte coinneach agus
+spealgan de fhiodh 's rachadh an dinneadh a stigh anns na tuill gus nach
+fàgta a h-aon diubh neò-dhionach.
+
+Mu'n tigeadh an geamhradh rachadh taobh muigh agus taobh stigh an taighe
+a chreadhadh, oir cha robh aol deiseil an toiseach. N' am bitheadh móran
+sluaigh an làthair bhitheadh an taigh air a thogail ann an aon latha;
+còrr uair ghabhte dha na thri làithean g'a dheanamh. An uair bha'n obair
+so dol air a h-adhart, faodar bhith cinnteach nach robh dearmad air
+biadh is deoch do 'n chuideachd. Fad seachdain roimh laimh bhitheadh
+àirde air a chuir air a' ghnothuch, 's 'n uair a chruinnicheadh na
+daoine air an làrach bhitheadh na mnathan ullamh le teachd-an-tìr. B'e
+teachd-an-tìr, da rìreadh, an lòn a bhitheadh aca; cha bhitheadh dad
+dheth o bhùth no bho mharsanta, ach gach spiolag bho'n tìr a bha iad
+fein ag àiteachadh. Bhitheadh aran coirce, is aran cruithneachd gu leòir
+ann, 'n a bhuilionnan móra, car coltach ri bonnaich Mhicheil; sithionn,
+bho'n fhrìth-choille phreasanaich, 's an robh gach seòrsa, mór no
+meanbh, ri 'm faotainn, 's mar an ceudna eoin-choille a'm pailteas.
+Rachadh an fheòil a' bhruich ann an coireachan móra, agus bhitheadh brot
+air a dheanamh de'n t-sùgh le measgadh de luibhean a' ghàraidh. Bu dual,
+mar an ceudna, do dh' uisge-beatha na dùthcha bhith ann, 's cha
+bhitheadh maille air an òl. Bha na briuthais lionmhor 's bha'n deoch
+furasda faotainn, mar tha i'n diugh, 's bu bheag a prìs. Airson seachd
+sgillinn shasunnach gheibhte da bhodach dheth, no searrag a chumadh an
+ceathramh cuid de ghalan. Còrr uair bhitheadh tuille 's a chòrr deth air
+a ghabhail, ach mar bu tric tha e ri chreidsinn gu robh measarrachd air
+a cleachdadh. Gun teagamh bhitheadh feisd mhór aig crich na togalach,
+agus bha deagh nàbachas air àrach 's air a neartachadh am measg nan
+coimhearsnach.
+
+Ach cha do sguir an coibhneas ann an so. Bha tuille ri thighinn.
+Bheireadh cuid de na mnathan bu chomasaiche leotha aodach-leapa, is
+goireasan beaga airson taigheadais an teaghlaich,--ach air son sin
+dheth, bha na nàbaidhean gu léir deas gu cach-a-cheile a chuideachadh a
+réir uireasbhuidh agus comais gach neach fa leth.
+
+B'e sin an doigh anns an robh a' cheud chuid de na Gaidheil a thainig gu
+Ontario a' tòiseachadh, 's a' deanamh am beò-shlàinte. Bha cuid de na
+taighean beaga so a mhair ceud bliadhna; bha iad comhfhurtail agus sheas
+iad gu math an latha fein. Thubbairt Iain Rusgain, an sgriobhaiche
+ainmeil, gu'm b' ann as na taighean beaga, dubha 's a' Ghaidhealtachd a
+thainig na saighdearan bu treuna, 's na daoine bu mheasara a chunnaic an
+saoghal riamh. Air a mhodh cheudna dh'fhaoidte a radh gu'm b'am bho
+_Shantaidhean_ fiodha nan coilltean a thainig luchd-stiùraidh
+Chanada,--na ministeirean, maighstirean-sgoile, lighichean, luchd-lagha,
+buill-phàrlamaid agus uachdarain na tìre. Dh'eirich iad bho staid
+iriosail, onorach, gu inbhe àrd le'n dichill 's le'm misneach féin.
+
+An deigh do theaghlach tuineachadh air an fhearann, thoisicheadh iad air
+a reiteachadh 's air a ghlanadh. Mar thug sinn fainear cheana cha b' i
+obair shocrach so, gu h-àraidh far nach robh eòlas na tuaighe aig na
+daoine. Mar tha' n sean-fhacal ag radh:
+
+"Is i namhaid duine a' cheaird nach cleachd e."
+
+B'iomadh neach 'n am measg nach do leag craobh riamh, agus a bha ni b'
+eòlaiche air coin 's air caoraich, air lion-éisg, 's air treabhachas, na
+bha e air innleachd na coille 's air inneal fir-ceairde. Airson an
+lethid sin bha' n obair gle dhoirbh gus an do mhaighstirich iad i. Cha
+robh faochadh ri fhaotainn ach tre'n chleas cheart ionnsachadh le
+dian-chleachdadh. Bha so ni b' fhurasda do na daoine òga na do na seana
+dhaoine a bha suidhichte 'nan gnàths,--"An car a bhith's an t-seana
+mhaide 's duilich a thoirt as."
+
+Bha aon de na daoine so a bha bho Airde Mhic Shimidh, a thug dhomh
+iomadh sgeul air na làithean cruaidh troimh'n deach e féin agus a
+chompanaich. Aon uair chaidh e féin agus coimhnearsnach astar air
+chuairt a shireadh oibre. Cha robh facal Gaidhlig aig an duine leis an
+d' fhasdadh iad, agus cha robh acasan ach corra fhacal beurla. Bha na
+daoine sgairteil, dichiollach, gu leòir, ach aineolach air an
+obair--gearradh sios chraobhan--a ghabh iad a'n laimh, is bha iad, mar
+sin, a' cur am mach an neart gun mór sgoinn. Aon la mar bha na fir ann
+an teas oibre, fear air gach taobh de'n chraoibh, a dian leagail gu
+tubaisdeach oirre le'n tuaghan, thainig fear-a' bhaile far an robh iad,
+'s ag amharc car tacan air an doigh sheochlanaich a bh'aca, thuirt e 'na
+chainnt féin: "Man, John, work like that is perfectly ridiculous." Cha
+b'fhios do Iain ciod bu chiall do'n fhacal mu dheireadh de'n achmhasan
+so, ach shaoil leis gu'm b'e mionn grathail a bh' ann, is dh'eirich a
+chorruich, oir bha e air a chruaidh chur, 's air a shàrachadh gu goirt
+leis an obair. Sheall e gu feargach air an tuathanach, is thilg e am
+mionn mór, mar shaoil esan, air ais 'na aodann, ag radh: "Yes, a dhuine
+bhochd, it is 'perfectly ridiculous,' is gabh do leòir dheth." An uair a
+dh' fhalbh an tuathanach thuirt Domhnull: "Iain, Iain, 'de thug ort sid
+a radh ris an duine? Ge b'e air bith an tàmailt a chuir e ort, cha bu
+choir mionn tigh'nn as do bheul. Cha b'e sin an eisimpleir a fhuair
+thus' is mise bho na daoine còir a dh'àraich sinn, 's cha'n fhaod sinn
+sin a dhi-chuimhneachadh." Ars' an duine còir, le priobadh 'na shùil:
+"Bha sinn le chéile aineolach, cha b'ann a mhàin air an tuaigh, ach air
+a' bheurla, cuideachd, agus chaidh iomadh la seachad mus do thuig a
+h-aon dhinn brigh an fhacail 'ridiculous'; ach air a shon sin deth, thog
+a' chuid bu mhotha dhinn, le sior-chleachdadh, beurla gu leòir, airson
+gnothaichean an latha a chur air an adhart, agus, mar an ceudna, chum na
+searmoin a leantuinn air an t-sàbaid."
+
+A lion beag is beag bha iad a' fàs eòlach air an doigh-oibre, agus bha
+na craobhan a' tuiteam romhpa. An uair a bhitheadh dha na tri acair air
+an gearradh sios, chuireadh na coimhearsnaich an guaillean ri chéile,
+aon uair eile. Ach ciamar a dh'fhaodar sgeul an euchd a bha nis ri
+dheanamh, a chur ann an altan a chéile? Cha'n fhacar riamh co-fharpuis
+ni bu ghéire na bhitheadh ann, a' slaodadh an fhiodha do'n
+chruaich-theine, far an loisgteadh e eadar bhun is bhàrr; agus cha'n
+fhacar féill no faidhir riamh a thogadh sunnd nan daoine mar a dheanadh
+an _Logging Bee_ mar theirte 's a bheurla Shasunnach ris an dian-iomairt
+so. B'e'n cleachdadh aig am mar so, tiodhlacan bìdh a chur do'n
+teaghlach aig am bitheadh an cródhadh fiodha, agus cuide riu rachadh
+cuid de na nighneagan a fhrithealadh aig am dinnearach agus suipearach.
+Chruinnicheadh móran sluaigh agus bhitheadh othail nach bu bheag orra a'
+cur furain air cach a chéile, agus a' beachdachadh air rian na h-oibre.
+Rachadh na daoine a'n ordugh oibre air an raon 'n an tri bhuidheannan.
+Bhitheadh aon bhuidheann de dhaoine seòlta aig a' chruaich, a' gabhail
+an fhiodha mar a thigeadh e staigh, g'a chàrnadh suas sreath air muin
+sreath a' cumail an teine beò, leis a' bharrach. Bhitheadh tuaghadairean
+tapaidh a' gearradh gheugan de na craobhan, a' sgioblachadh a' bharraich
+agus a' reiteachadh fri-rathadan airson nan slaod. Bhitheadh an
+tritheamh buidheann sgaoilte thairis air an achadh, gach sgioba 'na
+h-àite féin, le aon chuing dhamh agus dithis no triùir dhaoine do gach
+sgioba, le acfhuinn thaghta, goireasach aig laimh. Bha 'ghniomh féin fa
+chomhair gach neach 's 'n uair thigeadh an t-am bhiodh na daoine teth gu
+tòiseachadh. B'ann a'n sin a bhitheadh an strith. B' i 'n obair
+shonraichte na craobhan a shlaodadh bho'n àite 'san robh iad a laidhe
+gus a chruaich-theine agus b'i 'n strith co an sgioba a chriochnaicheadh
+a cuibhrionn féin an toiseach. Bhitheadh am fear bu treasa, 's bu treuna
+de'n sgioba air ceann na sgioba sin, 's cha bhiodh fairtleachadh na
+h-oibre air, ge b'e cho doirbh 's a dh'fhaodadh i bhith. Bhitheadh cuid
+de na craobhan ro throm; cha b'urrainnear ach a h-aon a chur 's an
+t-slabhruidh aig aon am. Air uairean bhitheadh an rathad cam, cuagach,
+air feadh nan stochd, doirbh ri dheanamh le cuing throm de dhaimh
+mall-chasach 's a bheairt. Dh' fheumta cùram agus seòltachd a
+chleachdadh gus an làd a shlaodadh am mach, agus mar a bhitheadh na
+daoine a' leigeil an inntinn air an obair, 's a' teasachadh rithe,
+chluinnteadh gleadhraich nan teanga gu h-àrd a' brosnachadh nan damh, 's
+a' misneachadh cach a cheile. An deidh na dinnearach na'm biodh piobaire
+'s a chuideachd, bheireadh e laimh air a' phioba, is sheideadh e suas
+puirt beothail sùgrach, a thogail spionnadh nam fear 's an cumail gu
+dian ris an obair. Bhitheadh na h-uile innleachd air a cleachdadh chum
+an raoin a reiteachadh mu'n tuiteadh dorchadas na h-oidhche, agus bu
+mhór moit na sgioba a choisneadh a cheud àite. Bu tric duais-buadhaich a
+bhuileachadh orra aig an t-suipeir, 's bhitheadh an cliù mar dheagh
+luchd-oibre air a dhaingneachadh. An deidh do'n talamh, a bhith, mar so,
+air a reiteachadh rachadh uachdar na talmhainn a sgriobadh le caibe,
+agus an luaithre a sgaoileadh thairis air. Anns an fhonn so rachadh an
+siol a chuir, agus as thigeadh deagh thoradh 's an fhogharadh.
+
+Bha nis duais an saothrach air a mealtuinn leò; chuir iad an siol ann an
+dòchas deagh fhogharaidh, oir bu mhór an curam a bha'n crochadh ri sin;
+chaidh seal goirid seachad, thainig am bàrr a staigh gu sealbhach, agus
+bhuain iad le mór shubhachas, 's cha b'ionghnadh e. Gun dàil an deidh na
+buana bhitheadh am bualadh ann, agus bu taitneach da rireadh a bhith cur
+a cheud làd de'n ghràinne do'n mhuileann. Mar bu tric cha bhitheadh
+rathad-móra ann, ach, a mhàin, frith-rathad troimh'n choille. Rachadh an
+damh soitheamh, earbsach, uil'-fheumail, uidheamachadh agus bho bhuiseal
+gu leth, gu dà bhuiseal choirce a cheangail air cùl a ghualainn, 's le
+so dh' fhalbhadh fear-an-taighe, no aon de na gillean do'n mhuileann.
+'Nam bitheadh an t-slighe fada, bhitheadh an oidhche ann mu'n tigteadh
+dhachaidh leis a' mhin, ach ge b'e cho anmoch, chumadh an t-annas gach
+neach de'n teaghlach, bho'n leanabh gus an t-seanamhair, air am bonn, a
+dh' fhàilteachadh ceud toradh an fhearainn. Ach corra uair cha bhitheadh
+muileann ann d'am b'urrainn daibh a dhol, agus cha robh ni b' fhearr aca
+na'm bràth anns am bitheadh an gràinne air a bhruthadh le pronnadair.
+Tha iomradh air aon bhràth shonraichte a rinn athair an t-Siorraim Mhic
+Ealair nach maireann, a rinn an gnothuch 's an àite 's an robh e, fad
+iomadh bliadhna, gus an deach muileann a thogail. Tha'm bràth ainmeil
+so, a nis, ann an taigh-coimhid ann an Toronto, far am bheil móran
+sluaigh o chaoch-la àitean de'n t-saoghal 'ga faicinn na h-uile
+bliadhna.
+
+An uair a thigeadh an geamhradh cha bhitheadh éis air an obair.
+Bhitheadh na daoine, òg is sean, a' gearradh na coille; bhitheadh
+tigheadas air laimh nam boirionnach, 's cha bhitheadh eadhon na pàisdean
+diomhain. Ann am fallus an gnuis bha iad uile ag itheadh arain; ach a'n
+cois a' bhonnaich bhig bha 'm beannachd. 'S an tràth fheasgair bhitheadh
+sùrd air an teaghlach aig bun an teine thiorail. Bhitheadh na
+boirionnaich a' càrdadh, a' sniomh, a' fighe, 's a' càramh aodaich; na
+fir a' grèusachd bhròg, a' toinneadh ascairt, a' geurachadh shàbh, a'
+cur laimh ùr ann an tuaigh, no nithean feumail de'n t-seòrsa sin.
+Bhitheadh còmhradh ann a reir suidheachadh an teaghlaich. Bhitheadh
+iomadh ni ùr aca ri innse a dh'ionnsaich iad mu'n tìr gus an d' thainig
+iad, ach bhitheadh a' chuid bu mhotha de'n t-seanachas mu'n duthaich 's
+mu na càirdean a dh' fhàg iad 'n an deidh. Corra uair bhitheadh céilidh
+de na coimhearsnaich ann le 'cuid òrain agus sgeulachdan gun ghò:
+
+ "Air gach gaisgeach fearail greann'or
+ Bha 's a' ghleann 'n uair bha iad òg."
+
+Bhitheadh an cleasan fein aig a' chlann, agus is iongantach mar a lean
+cuid diu anns na teaghlaichean ud gus an la'n-diugh. Bliadhna no dhà
+roimhe so bha'm fear-sgriobhaidh ann an àite de Ontario far am bheil
+còmhlan Ghaidheal. Bha clann beaga a' cluiche agus b'e 'n cleas a bh'
+aca, bioran maide loisgte gu éibhille aig aon cheann, a chur mu'n cuairt
+cho luath 's a b'urrainn daibh, 'n uair bhitheadh iad ag radh na facail
+so, a dh' ionnsaich iad o'n seanamhair, 's a fhoghlum ise aig Ionarnais
+'n uair bha i 'n a caileig a'n sin:
+
+ "Dilean, dealan, déigh,
+ Tha na féidh air an loch;
+ Tha Mac-Shimidh as an déidh,
+ 'S cha teid na féidh dhachaidh nochd."
+
+
+
+
+ IV.
+
+
+Chaidh naoi bliadhna seachad bho'n am 's an do shuidhich Seumas Ros aig
+Narunn, Ontario. Bha na neoil a' bristeadh, bha na h-achaidhean a' dol
+am farsuingeachd, agus bha goireasan an taighe a' meudachadh. Anns an
+àite so, air an ochdamh la deug de mhios mheadhonach an Fhoghair, 's a'
+bhliadhna ochd ceud deug da fhichead 's a h-aon, rugadh Seoras Ros. Cha
+robh mór ailghios no mór uireasbhuidh a' feitheamh air. Bha'n teaghlach
+a' fàs ràthail, agus bha 'n sgoile faisg air laimh, air sràid Ghlaschu,
+mar theirte ris an rathad-mór a bha 'dol troimh'n sgìre, agus b'e ainm a
+mhaighstir, Tearlach MacCoinnich. Bha Seoras 'na dheagh sgoileir,
+dichiollach agus curamach. Bha e làn de feala-dha agus deidheil air
+cleasan neirt mar a bha camanachd, a' ruith reisean, a' gearradh
+shùrdag, a' gleachd agus a' cur na cloiche. Bha e luath-chasach, aotrom,
+agus cho aighearach 's a b' urrainn do ghiullan smearail slàinteil a
+bhith. Aig na ceilidhean ann an taigh athar, no ann an taighean nan
+coimhearsnach mar bha Mac-an-tòisich, Mac-Lachluinn, agus Mac-Griogair,
+bha e deas mar aithrisear bhàrdachd. B'iad oibre Thomais Chaimbeil a
+b'fhearr leis,--"Nighean Thighearna Ulainn," "Bairnigeadh Lochiall,"
+agus "Catha Hohenlindein,"--le orain de'n t-seorsa sin, b'iomadh uair a
+thug e togail inntinn do na bhitheadh an lathair.
+
+Thog e dreuchd maighstir-sgoile agus chaidh e, 'se fathast 'n a
+bhallachan òg, do'n deicheamh _Concession_ air taobh-an-ear do shràid
+Ghlaschu, a theagasg. Bha so ann an sgìre _Williams_. Bha tri rathadan
+móra anns an sgìre air an ainmeachadh air na h-àitean bho'n d'thainig an
+sluagh 's an t-seann duthaich,--Sràid Ghlaschu, Sràid Phettit, agus
+Sràid Earraghaidheil. Bha da theaghlach de na Rosaich 's an àite,--na
+Rosaich Móra, 's na Rosaich Beaga,--a reir am fiamh 's an coltais. B'ann
+do na Rosaich Beaga a bhuineadh Sir Seoras, ach mar robh a bhodhaig
+neo-chumanta mór bha aige inntinn chumhachdach, ghreimeil,
+iomadh-fhillte, lughor. Bha meamhair chuimhneachail, ealamh aige, air
+chor 's gu'n robh e furasda dha araon seanachas agus aireamhachd a
+chumail 'na cheann. Cha b' fhad an ùine gus an do choisinn e cliù mar
+fhear-labhairt dealasach, gu sonraichte air taobh na Stuamachd anns an
+do shaothraich e fad a bheatha; cleachdadh a dh' ùigheamaich e airson an
+dreuchd àrd a bha 'feitheamh air.
+
+Bho _Williams_ chaidh e gu _Melrose_, dluth ri Lunnainn, Ont., a
+theagasg sgoile. Ann an so thainig e fo bhuaidh cuid de na daoine
+comasach air an do chuir e eòlas anns a' bhaile. 'Nam measg bha
+buidheann de luchd-lagha òga a bha am bitheantas ag cnuasachadh cor na
+duthcha, 's a' sgrudadh bheachdan càch-a-cheile air ceisdean an latha.
+Thàladh so 'inntinn gu bhi rannsachadh cuisean air a shon fhein, is
+thoisich e air leughadh nam paipeirean-naigheachd agus
+leabhraichean-eachdraidh gu geur, mionaideach; cleachdadh a lean ris ri
+bheò. Bha 'n am fàbharach airson a leithid de dh'fhein-fhiosrachadh. Bha
+Roinnean móra Chanada air dol a'n comh-bhann, agus bha uachdranachd ùr
+air teachd a staigh le nithean cudthromach r'a dheanamh agus bunaitean
+na duthcha r'a shocrachadh. Cha b' urrainn do dhuine òg am ni b' fhearr
+a mhiannachadh, no cothrom ni bu fhreagarraiche iarraidh airson seirbhis
+a dhuthcha. 'Sa bhliadhna so--1867--an uair a bha e sè bliadhn' ar
+fhichead, a dh' aois, chuir e ainm fa chomhair coinneimh thaghaidh na
+Liberals airson parlamaid, an aghaidh Tomas Scatcherd. Cha deachaidh
+leis an tràth sin; bha òige 'na aghaidh, agus a bharrachd air sin, b' e
+Mr. Scatcherd am ball-parlamaid aig an am, mar bha athair roimhe, 's bha
+'n teaghlach d'am buineadh e cliuiteach am measg thuathanach Nissouri,
+an sgìre 's an robh a' chuid mhór de'n luchd-taghaidh a' comhnuidh. Ged
+nach do shoirbhich leis 's a' chuis so, chaidh chomharrachadh am mach
+mar dhuine gealltanach, a bhuadhaicheadh a'n deagh am. Mu'n am so chaidh
+Mr. Ros do'n sgoil Normal far an d' ullaich se e fein gu bhi 'na
+fhear-ceasnaichidh sgoilean, agus air dha so a dheanamh, dh' fheuch e
+ris an dreuchd so a thoirt am mach ann an siorramachd Mhiddlesex. Bha a
+chuid bu mhotha de Chomhairle na siorramachd de na Tories agus chaill e
+an t-àite mar a shaoil e fhein, an los na rinn e ann an 1867 air taobh
+na Liberals. Ghabh e an ni gu cridhe. Air an t-slighe dhachaidh thuirt e
+ri Iain Waters, dluth charaid dha, a bha aig an am 'n a Reeve air
+Williams-an-ear:--
+
+"Tha mi a so suas cuidhte gnothaichean riaghlaidh na tìre. 'S mithich
+dhomh cumail ri m' dhreuchd, 's ri sin amhàin."
+
+Fhreagair Mr. Waters: "Na can thusa ni sam bith mar sin, airson, ma dh'
+fhaoite, am bi thu duilich an deidh so."
+
+Thachair gu'n robh Comhairle shiorramachd Lambton a' suidhe aig an am
+cheudna. Bha chuid bu mhotha dhiubhsan 'n an Liberals. Chuala iad mar a
+thachair ann am Middlesex. Air an ath mhaduinn chuir iad fios-dealan
+do'n Rosach gu'n robh dreuchd cheasnaichidh Lambton air a thairgse dha
+na'n gabhadh se e. Dh' fheuch Mr. Ros an sanas so do Mhr. Waters, a
+thilg gu h-ealamh air:--
+
+"Gu de mu dheidhinn _politics_, a nis, mo charaid? Tha thu a' faicinn
+gu'm bheil da fhaobhar air a' chlaidheamh!"
+
+Ghabh Mr. Ros ris an tairgse agus lean e ris an dreuchd sin an deidh dha
+bhi na bhall-parliamaid airson Middlesex-an-iar. Cuid de'n ùine so bha e
+'n a fhear-ceasnaichidh sgoile ann am baile Straruaidh. An duais a
+fhuair e airson na h-oibre so, thug e seachad, ged nach bu duine
+saoibhir e, airson dhuaisean do sgoilearan a' bhaile, a chum am
+misneachadh 'n am foghlum. Bha dèidh aige a bhi sgriobhadh do na
+paipeirean-naigheachd agus bha sgriobhaidhean bho pheann ri 'm faotainn
+gu tric anns an _Advertiser_ a'n Lunnainn, an _Expositor_ a'n Seaforth,
+agus an _Age_ ann an Straruaidh, a bha geur agus comasach. Aig a' cheart
+am thainig, an drasd 's a rìsd, bhuaithe, duan agus oran a bha teisteil
+agus an eatorras math. Bha iad air taobh na stuamachd agus saorsa na
+duthcha bho dhroch riaghladh. 'Na òige rinn e dàn air "An ni tha dhìth
+air Canada" anns an d'thug e fainear na caochladh seòrsa dhaoine a
+thogadh suas cinneach chliùiteach anns an duthaich so,--daoine onarach,
+tapaidh, saor-thoileach, subhailceach, treuna, measarra, uasal,
+duthchasach, agus thug e an dàn gu crich leis na briathran shunndach
+so:--
+
+"Sin na daoine, a Chanada, a dh'eireadh suas o d' fhonn mhaoth! Sin na
+daoine gu bhi 'g iomchair slat-rioghail do neart, gu bhi riaghladh
+thairis air do shleibhtean móra, gu bhi sgriobhadh ann an eachdraidh,
+gloir t' ainme."
+
+Fad a bheatha cha do dhichuimhnich e na smuaintean àrda so; bha e air a
+lionadh o òige suas le eud airson Chanada, tìr a bhreith is àrach. Ach
+cha deachaidh na bliadhnachan so seachad ann an diomhanas a thaobh
+foghluim 'na dhreuchd, agus a thaobh oileanachd eile. Bha e sior strith
+air adhart, a' dioghlum ann an iomadh achadh thorach, a' carnadh suas
+stòrais 'na inntinn a bhiodh luachmhor agus feumail dha 's na làithean
+ri teachd.
+
+'S mithich, nis, facal no dha a radh mu theaghlach Mhr. Rois. An uair
+bha e teagasg sgoil' aig Lobo, 's e bliadhna ar fhichead a dh' aois, b'
+i aon de chuid sgoilearan Cairistìona Chaimbeul, nighean Dhunnchaidh
+Chaimbeil, Lobo, fear a mhuinntir Earraghaidheil. Dh'fhàs an càirdeas a
+thòisich a'n sin gu làn abuchadh agus phòs iad 's a' bhliadhna 1862. Bha
+iad posda deich bliadhna, 'n uair chaochail ise, agus b' e la a
+h-adhlacaidh an la air an deachaidh esan a thaghadh, an toiseach, do'n
+Pharlamaid. Bha coignear theaghlach aca, dithis mhac agus triùir
+nighean. Chaochail an gille bu shine, Seumas Cowper Ros, 'n a naoidhean
+agus dh'fhàs càch gu ìre duineadais. Phòs Mr. Ros an dara uair, 's a
+bhliadhna 1875, Ceit Boston, nighean Robeirt Boston, ann an siorramachd
+Mhiddlesex. Chaochail ise 's a bhliadhna 1902 ann an Toronto. Bha acasan
+aonar mhac agus triùir nighean. Coig bliadhna an deidh bàs an darna bean
+phòs e Mildred Peel, nighean Iain Robeirt Peel, a' n Lunnainn, Ont., a
+tha fathast beò. Bha na mnai sin ro eireachdail, banail, suairce. Bha
+iad 'n an taic mór dhà-san tre bheatha shàrachail, euslanaich. Tha'n
+dithis mhac 'n an daoine tapaidh, ràthail. Tha 'm fear as sinne, Dunncha
+Caimbeul Ros, 'na fhear-lagha ann an Straruaidh, 's na bhall-parlamaid
+aig Ottawa, far am feil e 'foillseachadh a chomais-labairt 's a
+sheòltachd gu soilleire. Tha 'n darna mac, Seòras Uilleam Ros, 'na
+lighiche ann an Toronto. Choisinn e, mar tha, àrd-ainm 'na dhreuchd. Tha
+iad, le cheile, 'nan daoine duthchasach, coibhneil, anns am bheil gné a'
+Ghaidheil a' cinntinn gu nadarra, reidh. Tha na nigheanan pòsda gu
+cothromach, comhfhurtail, 's a' togail theaghlach chliùiteach, ghasda,
+'tha na'n samhladh chiatach air òigridh Ghaidhlich Chanada.
+
+
+
+
+ V.
+
+
+Mar a chunnaic sinn cheana, bha inntinn an Rosaich a' tionndadh do'n
+Pharlamaid agus thainig an cothrom thuige gun mór dhàil. Chaidh
+ainmeachadh airson Middlesex-an-iar, an aghaidh A. P. MacDhomhnuill, an
+seann bhall-parliamaid, duine beartach aig an robh greim air an
+t-sluagh, 's a bhiodh doirbh a chlaoidh 's an t-strìth. Ged bha 'm blàr
+cruaidh, ged bha'n Rosach òg agus gun airgead, ged bha 'n Domhnullach
+cleachdta 's a chath, le maoin is pailteas air a thaobh; an uair a
+chaidh an t-aonta mu dheireadh a chunntadh bha 'n duine og, lamh-fhalamh
+air uachdar, agus an duine eile fodha--chaidh'n Rosach a thaghadh airson
+na Parlamaid.
+
+Chaidh e gu Ottawa far an robh 'n Ard-Chomhairle a' suidhe, 's a
+bhliadhna 1872, agus bho'n am sin gu la a bhàis, shaothraich e airson a
+dhuthcha araon ann an uachdranachd Chanada agus Ontario. Fa chomhair an
+Rosaich 's an t-seòmar bha Sir Iain Domhnullach, Priomh-Mhinisteir
+Chanada, agus ri thaobh bha aireamh dhaoine ainmeil, comasach, mar bha
+Hincks, Tupper, Howe, agus Galt. Mu'n coinneamh bha comhlan de dhaoine
+fhior chomasach,--Alasdair MacCoinnich, Blake, Cartwright, agus an
+lethid sin,--daoine dealasach, geur, a bha ullamh agus toileach gu
+cònsachadh an aghaidh 'n luchd-riaghlaidh air na ceisdean móra a bha ag
+eadar-dhealachadh an da thaobh de'n Chomhairle. Bha Mr. Ros am measg
+dhaoine comasach agus rinn e na b' urrainn e gu bhi foghlum gnàthan na
+Parlamaid agus brìgh na h-oibre bhuapasan. Cha robh e doirbh dha
+ionnsachadh, agus ann an uine ghoirid dh'fhàs e eòlach air dleasannas
+fear-ionaid.
+
+Rè a cheud bhliadhna 's a Pharlamaid dh' erich droch upraid mu 'n
+airgead a ghabh Sir Iain Domhnullach bho Huistean Allan, ceannas an
+rathaid-iarruinn sin,--an "Canadian Pacific." Ged a dhearbh an
+luchd-riaghlaidh gu'n robh an t-airgead air a ghnathachadh ann an
+cùisean an taghaidh, 's nach robh buanachd aig Sir Iain e fein dheth
+idir, gidheadh, b'e beachd na Parlamaid nach robh e ceart no iomchaidh
+do dh'fhear-riaghlaidh airgead a ghabhail o neach, mar a bha Mr. Allan
+aig an robh gnothaichean ri dheanamh ri luchd-riaghlaidh na duthcha,
+agus thug Sir Iain suas a dhreuchd. Chuireadh Alasdair MacCoinnich 'na
+àite; agus thug esan a' Pharlamaid gu crich air a' bhliadna sin fein.
+Sheas Mr. Ros a rithis airson Middlesex-an-iar agus chaidh a thaghadh
+gun neach air bith seasamh 'na aghaidh. Fhuair luchd-cuideachaidh
+Mhic-Coinnich buaidh mhór 's an taghadh 's bha e air a dhaingneachadh
+mar Phriomhfhear Chanada. Fhuair, a nis, Mr. Ros an cothrom a bha dhìth
+air, agus cha do sheachainn. Bha a chomas breithneachaidh agus labhairt
+a' meudachadh, agus bha e fàs feumail 's an t-seómar-riaghlaidh, agus,
+mar an ceudna mar chomhairliche earbsach do'n luchd-riaghlaidh. Bha e
+deas-bhriathrach ann an cùisean malairt, na stuamachd, agus aiteachaidh
+an fhearainn, agus bha gach bliadhna ag cur ri neart, 's ri chliu.
+Chaidh coig bliadhna seachad air an doigh so, agus bha Mr. Ros gu
+socrach agus gu cinnteach ag eirigh ann an spéis a cho-chomhairleach.
+Anns an taghadh a rinneadh 's a bhliadhna 1878 thuit MacCoinnich agus
+thainig Sir Iain Domhnullach a staigh a rithis. Bha cogadh cruaidh aig
+Mr. Ros ri chur ann am Middlesex, oir bha sluagh Chanada air fad air an
+dusgadh gu mór 's bha na seann làraichean, na seann chriochan eadar na
+Tories agus na Liberals air an atharrachadh. B' e'n cuspair mór a bha
+eadar an da chuideachd sin, aig an am: Co dhiubh a bu chòir cìs àrd a
+chur air toradh dhuthchanna céin, bha tighinn a staigh do Chanada, araon
+chum airgid-riaghlaidh a thogail, agus dion a chur air maoin Chanada.
+Bha amanna cruaidh ann; bha bochdainn air feadh na tìre, agus bha moran
+de na buill-parlamaid a sheas air taobh Mhic-Coinnich airson saorsa
+malairt, nach robh air an taghadh leis an t-sluagh. Ach chaidh le Mr.
+Ros oir bha meas mór air 's an t-siorramachd, agus fhuair e troimh'n
+deuchainn gu sàbhailte. Anns a' Pharlamaid a lean an taghadh so, bha e
+ro-dhichiollach agus bha e air àireamh am measg nan daoine comasach,
+gibhteach a bha 's a' chomhairle.
+
+Rè an ama so uile bha e 'saothrachadh mar fhear-ceasnaichidh sgoilean,
+'s mar fhear-deasaichidh phaipeir-naigheachd. Bha e mar an ceudna
+daonnan ag cuideachadh aobhair na stuamachd, agus ag cur air an adhairt
+gnothaichean eile. Cha robh e riamh 'na thamh no 'na thosd, agus b'
+ionnan sgriobhadh no labhairt dha. Mu'n am so bha àite Ministeir
+Foghluim Ontario, falamh, 's bha cor nan sgoil air feadh a' Mhor-roinn
+car diblidh. Bha feum air duine foghainteach, glic, eolach, air an
+ceann, agus roghnaich Mr. Mowat, a bha 'na Phriomh-fhear thar Ontario,
+Mr. Ros airson an dreuchd. Cha b' urrainnear neach ni bu fhreagarraiche
+fhaotainn. Cha 'n e mhàin gu robh mion-eolas aige air dreuchd a'
+mhaighstir-sgoile, 's air uireasbhuidhean nan sgoil, ach bha a chridh 's
+an obair. Thilg se e fein le uile neart air an raon ùr so, agus is ann
+mar Mhinistear Foghluim Ontario a choimhlion e gealltanais òige. Air dha
+Parlamaid Chanada fhagail airson Parlamaid Ontario b'fheudar dha a bhi
+air a thaghadh airson Ard Chomhairle' na Mór-roinne. Cha do dhiobair
+daoine Mhiddlesex-an-iar e riamh agus thagh iad e a rithis mar bu nòs.
+Chuir e laghan nuadh air chois, a leasaich gu mór staid nan sgoil agus
+tharruing e ri cheile air aon doigh riaghailteach na caochladh seorsa
+sgoilean bho thaigh beag na sgìre gu oil-thaigh a' bhaile-mhóir, gach
+ceum a' leantainn a cheile gu h-ordail, ceart a réir cleachdaidh
+chumanta na h-Alba. Shoirbhich leis gu h-anabarrach agus bha sgoilean
+agus oil-thaighean Ontario, ann an uine ghoirid, 'nan eiseimplearean do
+dhuthchanna eile.
+
+Ach bha aon àrd-dhreuchd eile a'feitheamh air, agus b'e sin
+priomh-mhinisteirleachd Ontario; agus an deidh dha sin a thoirt thairis
+chaidh e gu Ottawa, a rithis, gu bhi 'na cheannard 's 'na
+fhear-treorachaidh 's an ard sheanadh. 'S an dreuchd so shaothraich e gu
+la a bhàis a thainig air 's a bhliadhna 1913--làn de làithean 's de
+dh'urram.
+
+Ciod e an seòrsa duine a bha a' n so, a dh'eirich cho àrd ann am beachd
+a ghinealaich féin, 's ann an inbhe?
+
+Tha e ro dhoirbh beachd fior-cheart a dhealbh air a' chuid mhór d'ar
+co-chreutairean; gu sonraichte air daoine tha àrd os ar cionn. An uair a
+fhuair Gladstone bàs bha móran de'n bheachd gu'm bu dhroch duine e, a
+chuir a bhuadhan cumhachdach gu fior dhroch bhuil; air an laimh eile,
+bha móran a creidsinn nach robh a leithid eile ann chum leas agus maith
+an t-sluaigh a sheasamh, agus gu robh e 'n a fhior bheannachd o'n
+Chruithfhear do Bhreatunn's do'n t-saoghal. Tha an ni ceudna air a radh
+mu Lloyd George. Bha eadar-dhealachadh beachd aig na Gaidheil 's aig na
+Goill mu luach agus cliu oibre-bheatha Phrincipal Rainy--cuid a'
+creidsinn gu robh e 'deanamh oibre Shatain, agus cuid eile gu robh e 'na
+sheirbhiseach dileas, foghainteach do'n Ard Mhaighstir. Tha fios aig
+Gaidheil Chanada mar a thilgeadh salchair nan sraid air Sir Iain
+Domhnullach, agus mar a reubadh cliu Alasdair MhicCoinnich; agus, a
+nis, mar tha bliadhnachan dol seachad tha deagh chliu an ainmean le
+cheile a'dol a'm meud. Thig an neach a smuainicheas air nithean mar so
+do'n cho-dhùnadh gu bheil breith dhaoine air an co-chreutairean 'n a ni
+amharrasach air a chuid is fearr, agus gur còir do neach a bhi toigheach
+mu'n bharail tha e cnuasachadh mu neach eile.
+
+Tha so air m' inntinn fein gu mór an drasd, oir tha mi, mar gu'm b'eadh
+a' toirt breith air cuspair an sgriobhaidh so. Ach tha so agam ri radh.
+Bha cothrom neo-chumanta agam air Sir Seoras Ros aithneachadh. Bha mi
+gle eolach air fad ochd-bliadhna fichead, a'n cois gnothaichean na
+duthcha, agus mar cho-Ghaidheal. Bha cothrom saor-labhairt agam ris;
+b'aithne dhomh gu math cion-fàth cuid de ghniomharan, agus, mar an
+ceudna, b'aithne dhomh gu math daoine flathail, fiughanta, a bha dlùth
+ri inntinn, aig an robh fior eolas air, agus a bha comasach air a
+chothromachadh ann am meidh chinntich an fhein-fhiosrachaidh. B'e cuid
+diu sin an t-Urramach Alasdair MacCoinnich, Tearlàch MacCoinnich, a
+bhrathair, An Siorram MacEalair, Lachlann MacCorcadail, Uilleam C.
+Caldwell, an t-Urramach Dr. Caven, an t-Urramach Ard-Easbuig Walsh, an
+t-Urramach Dr. Milligan, is iomadh neach eile a bha inbheach no iriosal
+'n an dreuchd fein. Bu tric a labhair mi riutha sin, 's ri muinntir eile
+mu chliu 's mu bheatha Shir Seorais, agus bha gach ni a tha mi ag cur
+sios ann an so air a dhaingneachadh leo. "Tha lagh nam modhannan air a
+chur sios gu h-aithghearr anns na deich àitheantan," agus is ann a reir
+an lagha sin a tha breith cheart gu bhith air a toirt air caithe-beatha
+ar co-chreutairean. Ma shìnear slat-thomhais an lagha sin thairis air
+beatha Shir Seorais Rois tha mi làn chreidsinn nach bi a chliu aon
+òirleach ni 's giorra na cliu an neach a b' urramaiche a shuidh riamh
+ann an caithir priomhfhear Ontario, ged is mór an radh sin.
+
+Bha'n Rosach 'n a dhuine moralta, 'n a dhuine glan 'n a ghnè, uasal 'n a
+ghiùlan, neo-shanntach 'n a inntinn, coibhneil do 'n bhochd,
+foidhidneach fo thrioblaid, fad-fhulangach fo bhuaireadh, comasach 'n a
+bhuadhan, fileanta briathrachail 'n a chainnt, drùidhteach 'n a
+òraidean, araon soilleir agus farsuing 'n a bheachdan, gleusd ann an
+deas-boireachd, dileas d'a choguis, firinneach d'a dhuthaich, agus
+durachdach, dileas, 'n a dleasanas.
+
+Tha mi creidsinn gu robh Mr. Ros ag iarraidh le uile chridhe an ni a bha
+ceart a dheanamh a thaobh a dhuthcha mar bhall parlamaid, mar
+mhinisteir, 's mar Phriomh riaghladair. Tha mi creidsinn gu robh e
+feuchainn mar a b' fhearr a dh' fhaodadh e a làn dhleasanais a
+choimhlionadh gu h-onarach d'a cho-chreutair, bho'n neach a b' airde gus
+an neach a b' ìsle, mar neach a bha cunntasach do shluagh na tìre airson
+gach gniomh d'a dheanadais choitchinn. Ni 's fhaide cha ruig mi leas a
+dhol 's a' chuis so an drasda, ach na'n robh an t-am iomchuidh, tha mi
+creidsinn gu'm faotainn a radh le firinn gu robh a dhochas steidhichte
+ann an àrd-uachdranachd an Fhreasdail sin a tha lùbadh gach gniomh 's
+gach oidheirp dhaonnail chum a chriochan maith fein. Gidheadh, tha 'us
+bithidh caochladh bheachdan am measg an t-sluaigh air an Rosach, mar
+dhuine 's mar mhinisteir stàid. 'S dual dha sin tachairt; tha gach neach
+againn fein buailteach do'n ghnàths cheudna. N' am b' urrainn duinn fior
+smuaintean ar cairdean 's ar coimhearsnach oirnn fhein, air uairibh,
+fhaotainn am mach, chuireadh iad mór iongantais oirnn, oir is tana an
+eigh tha fo m' chasan-sa, agus fo d' chasan-sa, a charaid, co air bith
+thu.
+
+Bho thoiseach gu deireadh a chùrsa bha Mr. Ros trang ag obair. Cha
+deachaidh stad air a shaothair. B'e sin cion-fàth a shoirbheachaidh.
+Thoisich e mar bhallachan bochd; cha robh airgead no òr air a chùlthaobh
+g' a chuideachadh air adhart. Tha'n cothrom cheudna a bh' aigesan aig
+gach òganach a tha 's an tìr an diugh. 'S i obair chruaidh agus inntinn
+ghlan a bheir neach gu mullach na beinne. Ma 's e marsantachd, dreuchd
+an lighiche no 'n fhir-lagha, na ministeirleachd, no oibre-laimh a
+th'ann, feumaidh neach a bhith 'n a fhior mhaighstir air a ghniomh, agus
+feumaidh e a bhuadhan a gheurachadh leis an fhoghlum sin a tha feumail
+airson a dhreuchd. Tha a' mhór chuid dhinn comasach air so a dheanamh ma
+tha slàinte cuirp agus beachd suidhichte againn ar làn dhichioll a
+dheanamh.
+
+Tha'n sean-fhacal ag radh: "Ni lamh na leisge bochd; ach ni lamh nan
+dichiollach beartach." Cha d'rinn lamh dhichiollach Shir Seorais beartas
+dha. Bha e 'n a dhuine bochd o thòs gu éis a bheatha, mar bu tric fo
+fhiachan trom, ach a ghnath g' am paigheadh mar bha 'n comas aige, 's
+aig a' cheann mu dheireadh mar robh moran ri fhàgail 'na dheidh cha robh
+dad ri dhioladh. Ach thug e neart a bheatha agus toradh a chinn 's a
+chridhe do'n stàid, chum, mar bha dùil chinnteach aige, maith an
+t-sluaigh.
+
+Cha robh doimhneachd bhuadhan aige mar bha aig cuid de cho-aoisean ann
+an Canada; agus cha d'fhuair e cothrom 'n a òige air inntinn a
+liobhrachadh air cloich-bhleith a chruaidh oileanachaidh, a
+dh'àraicheadh araon fìnealachd chainnt agus eagnuidheachd smuain. Bha'n
+uireasbhuidh so r' a faicinn 'n a mhodh-labhairt, 'n a mhodh-sgriobhaidh,
+agus 'n a mhodh saothrachaidh. Ach, "Is airde tuathanach air a chasan na
+duin'-uasal air a ghluinean."
+
+Ann an aon de dh'òraidean an Rosaich air beulaibh Comuinn Naoimh
+Aindreis, Thoronto (1909) thubhairt e gu robh sluagh Chanada
+comharraichte math gu bhith tionail 's a' togail gliocais agus ceill o
+gach cearnaidh de'n t-saoghal, 's g'an ùisneachachadh airson am buanachd
+féin. Tha iad a' tionail fiosrachaidh agus nuadh smuaintean mu chuisean
+malairt is airgid as gach àite 's am faighear iad. Tha iad a' toirt bho
+ghnàths-riaghlaidh dhuthchanna eile na tha iad am beachd a fhreagarras,
+'s a leasaicheas an gnàths-riaghlaidh fein.
+
+Bha am beachd so gun teagamh ceart, agus tha mi'n duil gu bheil e ceart
+mu'n Rosach e fein. Bha alt fir-tionail aige ann an ìre mhór; ghabhadh e
+stigh eolas mar a shlugadh suil-chruthach clach. Agus rinn e 'na bha 'n
+a chomas chum a bhuadhan a neartachadh le cleachdadh daonnan a thoirt
+dhaibh a' tional eolais anns gach raon a bha fosgailte dha. Cha robh
+moran 'san tìr so a dh'obraich cho cruaidh 's cho bitheanta ris air
+thòir eolais gu bhi leudachadh 's a meudachadh a thuigse, agus ann an
+roinn mhor shoirbhich leìs. Dh' àrdaich e tuigse, agus "chur i suas e;
+thug i gu urram e; thug i d'a cheann coron maise, crùn gloire thug i
+seachad dha." Cha'n fheil mi ag radh gu'n deachaidh gliocas ceum air
+cheum, lamh a'n laimh ri a thuigse, ach gun teagamh b' i 'n tuigse air
+nithean a dhreuchd 's a dhuthcha, a bhuinig e le mór dhichioll, a thug
+comas dha eiridh gus an inbhe air an d' rainig e.
+
+Mar bhall-parlamaid ann an Ottawa bha e dian, dlùth, mar thuirt mi
+cheana, ann an ceum a dhleasanais. Bha e bitheanta 'na àite, a' toirt
+speis agus suim do'n obair bha'n laimh; a'rannsachadh chùisean na
+duthcha, 's g'a ullachadh fein airson oibre làitheil an Taighe. Air an
+doigh so, le sior-shaothair, daonnan ag obair, fhuair e lethid a
+mhaighstireachd air gnothaichean na parlamaid, 's gu robh e comasach,
+gun rabhadh fhaotainn roimh laimh, labhairt aig am 's am bith, air
+cuspair 's am bith a dh'fhaodadh tighinn air lom, agus làn-cheartais a
+thoirt do'n chùis. Cha robh ach aon duine eile 's an Taigh, aig an am
+sin, a b' urrainn an ni ceudna a dheanamh--Mr. Anglin, nach mairean,
+athair a' bhreitheimh ann an Ottawa. Cha'n i slighe shoirbh a tha
+treòrachadh gu soirbheas; ach "theid an t-anmhunn dichiollach thar an
+laidir leisg," agus a rithis, "Is treun fear an eòlais."
+
+An deidh do'n Rosach bhith aon-bliadhn' deug ann am Parlamaid Chanada,
+roghnaich Mr. Mowat e gu bhith 'na Mhinisteir Fhoghluim airson Ontario.
+Dh' fhan e 's an dreuchd sin fad sè-bliadhna deug--gus a' bhliadhna 1899
+'n uair a ghairmeadh e gu bhith 'n a Phriomh uachdaran air a mhor-roinn
+so. Mar Mhinisteir Fhoghluim bha e tri bliadhna deug fo ughdarras Mhr.
+Mowat, duine a choisinn spéis agus earbsa an t-sluaigh, mar dhuine còir,
+ceart, curamach. Ri linn-san rinn an Rosach a' chuid bu mhotha 's bu
+doirbhe de obair mar Mhinisteir Fhoghluim. 'S e beachd a' chuid mhór an
+diugh gu'n do chuir e comharradh ionmholta a mhaireas iomadh la air
+sgoilean agus oil-thaighean na tìre. Tha mi creidsinn g'um b' e an ni bu
+mhotha a rinn e fad a dhreuchd na h-oilthaighean a tharruing ri cheile
+ann an Toronto a' ceadachadh do dh'aon oil-thaigh laidir fàs suas a'n
+àite àireamh de dh' fheadhainn lag a bhith strìth airson am beatha.
+Nochd e mór thapachd air uairibh an cois a dhleasanais do na sgoilean.
+Tha Foghlum na duthcha so làn de dhoirbheachd; cha'n e gnothuch furasda
+a th'ann do neach air bith. S' dual d'a comhstrith àrach,--Tha
+maighstirean sgoile, ministeirean, àrd-ollaimh, oileanaich, 's an sluagh
+air fad, ioma-bheachdach, agus is dual do gach neach a bhith sparradh a
+bheachd fein air a' mhinisteir. Tha e nadurra gu'm biodh tuasaid,
+aimhreit, agus droch-fharachdainn ag eirigh 's a bualadh a' mhinisteir
+mar a ghaoith chreanndaidh earraich. B'e sin a' chùis; agus tha e chum
+creideas an Rosaich gu' n d'fhuair e troimh shè bliadhna deug de'n
+stoirm le aodach slàn air crann an eathair. Dh' fhaodadh neach innseadh
+a'n so, 'n am b'fheudar, mu chuid de na nithean dalma, curanta a rinn e,
+mu nithean a thug e gu buil mhaith an aghaidh luchd-strìth, agus mu
+nithean a chum e air an ais, 's a bhac e gu tur, an aghaidh neirt
+luchd-tagraidh 's luchd-bagraidh chumhachdach a bhiodh ag iarraidh
+nithean nach bu chòir daibh. Ach cha ruigear a leas sin a dheanamh.
+Sheasadh e roimh Mowat 's a cho luchd-riaghlaidh gun lùbadh glùn, 's cho
+daingean ri carraig, air taobh na còrach, mar a chunnaic esan i. Tha so
+agam bho dhithis de cho-luchd-riaghlaidh a thug an teisteas dhomh gu
+robh e ghnàth ag iarraidh an ni a bha ceart a dheanamh. Chaidh innseadh
+dhomh leis an rùnair a bha comhladh ris rè na sè-bliadhna deug sin, nach
+d' fhalaich e riamh bho shùil neach eile aon litir a fhuair e mar
+mhinisteir, air gnothaichean nan sgoil. Bha iad fosgailte do neach air
+bith aig an robh gnothuch r'an leughadh; air an doigh cheudna, cha robh
+ni 's am bith de obair a dh' iarr e a chleith bho chleireach no
+oifigeach a bha g'a chuideachadh. Cha b'urrainnear dearbhadh ni b'
+fhearr na so fhaotainn nach robh aobhar eagail aige gnothuichean
+coitchionn a dhreuchd fheuchainn do'n t-saoghal.
+
+An los a shaothair fhuair e urram na doctaireachd o oil-thaighean Naomh
+Aindreis, a'n Alba, na Ban-righinn, agus Toronto, ann an Canada.
+
+Ri linn mar Phriomh-fhear bha suidheachadh na mor-roinne so car
+trioblaideach. Bha na Liberals gle fhada air ceann na duthcha, 's bha na
+neoil a'cur sgaile throm air an iarmailt. An uair a ghabh an Rosach an
+stiùir, cha 'n e mhàin gu robh stoirm chunnartach a' cruinneachadh air
+gach taobh, ach bha'n soitheach fein sean, tulgach, eu-dionach. Cha robh
+riaghladh Mhowat aghartach gu bhi fosgladh suas na duthcha, no gu bhi
+cur air chois oibre mhóra. Bha Mowat ro chrionta mu bhi cur am mach
+airgead air leasachadh na tìre. Bha e 'n a shàr fhear-lagha, cùramach,
+faicilleach, ach cha robh sgonn ghnothuich air. Mar sin, bha moran
+nithean air am fàgail gun deanamh, 's bha'n duthaich a' fulang o' n
+ghoirt. Bha Mr. Hardy, a lean Mowat, briste 'n a shlàinte, ach beag fad
+a riaghlaidh, gun chomas moran a dheanamh. Bha'n duthaich ag eigheach am
+mach airson oibre, airson leasachadh crannchur, agus chuir an Rosach
+aodann an t-soithich, breòite mar bha i, ri aghaidh gaoithe. Air a'
+chùrsa b' iomadh tonn a bhuail oirre, b' iomadh oidhche, dhubh, neulach,
+dhorcha a sheas an ceannard air clàr, b'iomadh uair bha'n combaist fa
+chomhair agus luaidhe ghrunn-aichidh teagamhach 'n a laimh; an drasda 's
+a rithis b' fheudar bhi teann ri ceann am fhuairidh, ach sheas e àite,
+ghleidh e 'n stiùir, is shàbhail e 'n luchd bh'air bòrd. Bha cuid de'n
+luchd so ro-luachmhor, mar a bha fosgladh suas Ontario-mu-thuath, agus
+an fhurtachd a thug e do dh'oibribh mora Chlergue aig Sault Ste. Marie,
+a shàbhail iad o bhristeadh; agus am misneachadh a thug e do na
+cuideachdan a tha toirt cumhachd-dhealan a uisgean Niagara. Cho luath 's
+a ghabh e 'n laimh riaghladh Ontario chuir e am mach deich sgioba do'n
+taobh tuath a rannsachadh na duthcha o chrioch Chuibec gu Nepigon 's an
+iar. Fhuair iad sin a mach naduir agus gnè na duthcha moire sin--gu'n
+robh moran fiodh luachmhor ann agus talamh beartach, torach a thogadh
+gach seorsa gràn agus fhreumh airson bidh dhuine agus ainmhidh. Air dha
+so a bhith air a dheanamh soilleir dha, leag e rathad-iarruinn troimh 'n
+duthaich chum fhosgladh. A'n cùrsa na h-oibre fhuaireadh airgead agus
+cobalt a'm pailteas mhór, agus leis a so chaidh moran sluaigh gu tuath.
+A nis, tha òr is airgead agus meinn eile a' toirt a staigh suim a tha
+dol gus na muileinean gach bliadhna; agus tha'n comhnard mór creadha a'
+gabhail a steach ceudan de theaghlaichean a tha faotainn dachaidhean a'n
+sin mar a fhuair na priomh luchd-aiteachaidh roimhe so ann an Ontario mu
+dheas. Buinidh cliu an euchd mhoir so do Sheoras Ros, ach cha 'n 'eil
+aon àite do'n duthaich ùr so ris am bheil ainm co-cheangailte mar
+chuimhneachan. Tha ainmean Latchford, Engelhardt, Matheson agus Cochrane
+gu h-àrd urramach 's an taobh tuath, ach cha'n 'eil baile beag no mór,
+beann, sliabh, no sruth, air ainmeachadh air an duine a rùnaich, a
+thòisich, 's a thug gu buil, an obair o'n do shruth so uile.
+
+Ach am measg nan gnothaichean neo-dheanta a bha glaodhaich airson
+fuasglaidh, cha robh aon aig an am so cho buaireanta ri gnothaich na
+stuamachd, 's tha mi'n dùil nach fheil aon chupan a dh'òl an Rosach rè a
+mhinisteirleachd a bha cho seirbh rithe so. Bha e air taobh na stuamachd
+fad a bheatha. Bha moran chairdean aige air an taobh cheudna, agus bha
+dochas aca gu'n seasadh e gu dileas leo. Air an aobhair sin feumar
+leudachadh car mionaid air a so.
+
+Ri linn Mhowat, gheall an duine sin do na Stuaimich gu'n deanadh e lagh
+an aghaidh a bhith deanamh deoch laidir ann an Ontario, no gu bhith g'a
+reic no g'a cheannach,--a'n goirid,--nach biodh malairt na dibhe air a
+cheadachadh 's a Mhor-roinn; 'n am biodh e air a dheanamh soilleir le
+àrd-chuirt Lunnainn gu robh cumhachd aig Parlamaid Ontario
+lagh-bachdaidh de'n t-seorsa sin a dheanamh. Rinn ard-chuirt Lunnainn
+soilleir gu robh an cumhachd so aig Parlamaidean Mor-roinnean Chanada,
+ann an cuis Mhanitoba, agus bha duil aig Stuaimich Ontario an
+lagh-bachdaidh fhaotainn. Ach mu'n d' thainig breith Lunnainn a mach,
+chaidh Mowat gu Ottawa, agus lìon Hardy àite ann an Toronto.
+Dh'ath-ùraich Hardy gealladh Mhowat, ach cha d'fhuair e cothrom a
+choimhlionadh. Lean Ros Hardy agus bha na Stuaimich a' cumail a mach gu
+robh esan cuideachd ceangailte le gealladh Mhowat agus Hardy. C'arson,
+ma ta, nach do choimhlion e an gealladh? 'Nam b' urrainnear a cheisd so
+fhuasgladh bheirte air falbh an smal a's duirche th'air cliù Shir
+Seorais an diùgh. Tha mi 's an t-suidheachadh so,--gur urrainn domh
+mineachadh Shir Seorais fein a thoirt seachad. Chuir mi a cheisd ris la
+ann an Ottawa beagan is bliadhna roimhe so. 'S ann mar so a fhreagair e
+mi:--"Bha mise gu tur neo-chomasach air gealladh Mhowat agus Hardy a
+thoirt gu crich aig an am. Cha robh ni a bha ni b' fhaisge do m'
+chridhe, ach bha e do-dheanta. 'S a' cheud àite cha robh an gealladh air
+a thoirt leamsa ach le Mowat, agus an deigh sin le Hardy. Tha fhios agam
+gu'n do cheangail an gealladh sin co-riaghlairean Mhowat agus na
+Liberals, ach cha do cheangail e mise mar aon dhuine idir, do bhrigh
+nach b'e mise gu pearsanta a thug an gealladh. Nis, bha is tha mi de'n
+bheachd gu'm bu chòir do na Liberals an gealladh a choimhlionadh, 's tha
+mi creidsinn gu'n dean iad sin fhathasd ma gheibh iad an cothrom,[1] ach
+an uair a dh' fheuch mise ri mo cho-riaghladairean 's mo luchd-taic de
+na Liberals a cho-eigneachadh gu lagh-bacaidh a thoirt a staigh, dhuilt
+iad calg-dhireach sin a dheanamh. Thairg mi mo dhreuchd a leagail sios,
+ach cha d' rinn sin feum. Cha robh mi riamh de'n bheachd gu robh e ceart
+do dh--uachdran sam bith a bharail fein a spadadh air muinntir eile an
+aghaidh an toil. Rinn mise na b' urrainn mi, ach cha robh cumhachd agam
+daoine a bha neo-thoileach a dheanamh toileach a dhol leam. Cha 'n e
+mise bu chòir an uallach so a ghiulain, ach na daoine a dhiult 's a chum
+air ais mi 's a' chùis. Tha mi deonach mo chuibhrionn dligheach de'n
+choire a ghabhail orm fein, ach faodas tu so a chreidsinn, cha'n e mise
+bu choireach. Tha iad ag radh nach d'rinn mi mar a rinn Alasdair
+MacCoinnich mu chise-marsantachd na duthcha. Tha diurras mhor eadar an
+da chuis. Sheas a chuid mhor do chuideachd Mhic-Coinnich leis-san; cha
+d'rinneadh sin leam-sa. A bharrachd air sin, cha b' e cùis choguis, ach
+cùis beo-shlainte ris an robh aig MacCoinnich ri dheanamh. Bha e ro
+dhiorrasach, ro rag 'na bheachd; cha robh còir no ceart aige feuchainn
+ri thoil fhein fhaotainn 'dheoin no dh' aindheoin, 'n uair bha 'n
+duthaich dol fàs cion dìon. Cha 'n 'eil an còir so aig duine 's am bith
+'s an t-saoghal. Chaidh an la seachad anns am faigh riaghladair a thoil
+fhein neo-air-thaing do chàch. Faodaidh duine tha saor o dhreuchd a
+bheachdan fein a bhi aige, ach ann an duthaich a tha fo shaor
+riaghlaidh, 's e toil an t-sluaigh, cha'n e toil an uachdarain is còir a
+dheanamh."
+
+[Footnote 1: Dh' fheuch iad ri sin a dheanamh 's an Taghadh a'n 1914.]
+
+Dh' fhiosraich mi fein a' chùis gu ro-mhionaideach, 's tha mi
+smuaineachadh nach urrainn a' mhor-chuid de na Liberals clach a thilgeil
+air a chliù, 's an ni so. Tha mi creidsinn mar theid uine seachad gu'n
+tig an fhior chor gu solus, 's nach bi càin throm ri phaidheadh le
+'dheagh-chliù.
+
+Bha e air a radh gu'n d'fhan e ro fhada air ceann an riaghlaidh. Tha mi
+creidsinn gu'n d'fhan. Tha mi creidsinn gu'm fac' e caochladh a' tighinn
+air earbsa an t-sluaigh, 's 'nan robh e saor, nach fhanadh e a'n
+cumhachd cho fada 's a dh' fhan e. Ach mar thuirt e fein: "Cha b' ann
+leamsa na Liberals b'ann leosan mise. Bha mi 'n am Phriomhfhear, ach b'
+ann mar àrd-sheirbhiseach, cha b' ann mar Impire na-Gearmailt." Chaidh e
+'s a' chùis so, reir comhairle, cha b' ann a reir a bheachd fhein.
+
+An uair a chaidh e do'n duthaich air an tràth mu dheireadh cha robh
+traoghadh air a mhisneachd no air a threuntachd. Dh' fhoillsich e cridhe
+an leoghain 's a' chath. Bha a bhuadhan air an lasadh le teine
+'mhac-mheamna, agus shoillsich a bhriathrachas dubhachas deistinneach na
+comhstrith mar dhealraicheas dearrsadh gealaich an fhogharaidh dubhar na
+h-oidhche. Bu shluagh mór na Ceiltich 's an am a thriall, 's cha do
+chaill iad buaidh fola an sinnsearan fhathasd. Cha b' e gnè an fhior
+Ghaidheil teicheadh roimh namhaid; "Oir geill cha tug Camashronach
+riamh"; geill riamh cha d'thug clanna Chuinn Cheud-chathach, no siol
+Olghair nan Lann, no sliochd Chabarfeigh, no clann Diarmaid O'Duinn,
+d'an suaicheantas ceann an tuirc; mar sinn nam fineachan eile, na
+Rosaich nam measg, 's cha bu dual gu'n leagadh Sir Seoras sios a shleagh
+'s e beò. 'S an taghadh so sheas e a chùis, ach beag, 'na aonar, air
+beulaibh an t-sluaigh. Cha robh moran de mhaithibh a thaobh fein maille
+ris air chuairt. Bha coinneamh an deidh coinneimh aige air feadh na tìre
+air fad, 's ged bha'n sluagh a' tuiteam air falbh bhuaith cha do chaisg
+e aon oidheirp, nior robh coltas sgìths air an t-seann each cogaidh no
+air a mharcaiche. Thuit e mar thuit na ceudan, ach thuit e 's a' bhlàr,
+le aghaidh ris an namhaid.
+
+Ann an seomair na Parlamaid bha a thlachd ann an gleadhraich nan teanga.
+Bha e geur sgaiteach 'n a bhriathran,--"ealamh, ullamh, aigeannach," mar
+tha'n duan. An uair bhiodh deasbud mór air lom, bha e dàna, colganta,
+àrd-bhriathrach. Bha e'n sin 'na làn eileamaid; mar shaighdear 's a'
+chogadh, le claidheamh liobharach chinn Ilich 'na dhòrn, a teumadh, a
+beumadh, 's a bearnadh am bac baidealach ri aghaidh air taobh eile na
+cùis. Bha gniomh an fhir-chlis aige agus cleas an gatha-builg. Cha robh
+aon innleachd an fhir-labhairt air nach robh e 'na mhaighstir, 's b'
+ainneamh an t-am nach do choisinn e àrd dhuais an fhir-thagair.
+
+Thubhairt mi gu robh e coibhneil do'n bhochd agus foidhidneach fo
+thrioblaid. Mar dhuine bochd e fein bha bàigh aige do na bochdan agus
+bha a lamh 'n a sporran gu minic. Airson moran bhliadhnaichean fhuiling
+e péin is doruinn leis a ghreim-lònaidh a bha nimheil is cruaidh ri
+ghiulan. Ach bha fhoidhidinn fo'n eucail so ro-iongantach. Bha e
+tiorail, blath-chridheach 'n a theaghlach agus ri aghaidh dhaoine. Agus
+an uair a bha neach 's am bith comhradh ris bha e cuirteil, eireachdail,
+mar gu'm bu phrionns' a bhiodh ann.
+
+Mar Ghaidheal bha e làn-inntinneach, dileas agus fialaidh. Bha e
+deidheil air a' Ghaidhlig agus air eachdraidh na Gaidhealtachd air an
+robh e mion-eolach. Bha e pròiseal mu na rinn na Gaidheil do Chanada;
+agus beagan mhiosan mu'n do chaochail e dh' iarr e orm a chuideachadh gu
+comunn de chlann Rois a chur air chois ann am America. Chaidh so
+dheanamh agus chaidh e fein a thaghadh air an ceann. Bu toil leis a bhi
+cluinntinn 's a bhi comhradh mu na Gaidheil, agus bha tlachd aige a
+bhith 'n am measg. "A chuid de Phàras dha." 'S fhada mu'n tig an latha
+air nach bi ainm air a mholadh am measg a cho-luchd-duthcha ann an
+Canada.
+
+
+
+
+ Transcriber's Notes
+
+Hyphenation, spelling and grammar have been preserved as in the original
+with the following exceptions.
+
+Page 3, An deidh na sîthe fhuair ==> An deidh na sìthe fhuair
+Page 3, Shoirbhich leo is dh' fhàs ==> Shoirbhich leo is dh'fhàs
+Page 7, Mar a dh-fhàs e suas chaidh ==> Mar a dh'fhàs e suas chaidh
+Page 7, air a' bheurla Shasunnach ==> air a' Bheurla Shasunnach
+Page 11, bhàth e'n câmp. ==> bhàth e'n camp.
+Page 18, tighinn dha na thrí ==> tighinn dha na thri
+Page 23, a bheurla Shasunnach ==> a Bheurla Shasunnach
+Page 29, Tearlach MacCoinnich. ==> Teàrlach MacCoinnich.
+Page 31, 'Sa bhliadhua so--1867 ==> 'Sa bhliadhna so--1867
+Page 34, gu bhi riagladh thairis ==> gu bhi riaghladh thairis
+Page 34, Dh' fhàs an càirdeas ==> Dh'fhàs an càirdeas
+Page 46, so a dh-obraich cho ==> so a dh'obraich cho
+Page 54, dh--uachdran sam bith ==> dh'uachdran sam bith
+
+
+
+
+
+End of the Project Gutenberg EBook of Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam
+Ross, by Alexander Fraser
+
+*** END OF THIS PROJECT GUTENBERG EBOOK GEARR-SGEOIL AIR SIR SEORAS ***
+
+***** This file should be named 39849-8.txt or 39849-8.zip *****
+This and all associated files of various formats will be found in:
+ http://www.gutenberg.org/3/9/8/4/39849/
+
+Produced by David T. Jones, James Wright, Michael Bauer
+of Gaelic translation services www.akerbeltz.com, Ross
+Cooling and the Online Distributed Proofreading Canada
+Team at http://www.pgdpcanada.net
+
+
+Updated editions will replace the previous one--the old editions
+will be renamed.
+
+Creating the works from public domain print editions means that no
+one owns a United States copyright in these works, so the Foundation
+(and you!) can copy and distribute it in the United States without
+permission and without paying copyright royalties. Special rules,
+set forth in the General Terms of Use part of this license, apply to
+copying and distributing Project Gutenberg-tm electronic works to
+protect the PROJECT GUTENBERG-tm concept and trademark. Project
+Gutenberg is a registered trademark, and may not be used if you
+charge for the eBooks, unless you receive specific permission. If you
+do not charge anything for copies of this eBook, complying with the
+rules is very easy. You may use this eBook for nearly any purpose
+such as creation of derivative works, reports, performances and
+research. They may be modified and printed and given away--you may do
+practically ANYTHING with public domain eBooks. Redistribution is
+subject to the trademark license, especially commercial
+redistribution.
+
+
+
+*** START: FULL LICENSE ***
+
+THE FULL PROJECT GUTENBERG LICENSE
+PLEASE READ THIS BEFORE YOU DISTRIBUTE OR USE THIS WORK
+
+To protect the Project Gutenberg-tm mission of promoting the free
+distribution of electronic works, by using or distributing this work
+(or any other work associated in any way with the phrase "Project
+Gutenberg"), you agree to comply with all the terms of the Full Project
+Gutenberg-tm License available with this file or online at
+ www.gutenberg.org/license.
+
+
+Section 1. General Terms of Use and Redistributing Project Gutenberg-tm
+electronic works
+
+1.A. By reading or using any part of this Project Gutenberg-tm
+electronic work, you indicate that you have read, understand, agree to
+and accept all the terms of this license and intellectual property
+(trademark/copyright) agreement. If you do not agree to abide by all
+the terms of this agreement, you must cease using and return or destroy
+all copies of Project Gutenberg-tm electronic works in your possession.
+If you paid a fee for obtaining a copy of or access to a Project
+Gutenberg-tm electronic work and you do not agree to be bound by the
+terms of this agreement, you may obtain a refund from the person or
+entity to whom you paid the fee as set forth in paragraph 1.E.8.
+
+1.B. "Project Gutenberg" is a registered trademark. It may only be
+used on or associated in any way with an electronic work by people who
+agree to be bound by the terms of this agreement. There are a few
+things that you can do with most Project Gutenberg-tm electronic works
+even without complying with the full terms of this agreement. See
+paragraph 1.C below. There are a lot of things you can do with Project
+Gutenberg-tm electronic works if you follow the terms of this agreement
+and help preserve free future access to Project Gutenberg-tm electronic
+works. See paragraph 1.E below.
+
+1.C. The Project Gutenberg Literary Archive Foundation ("the Foundation"
+or PGLAF), owns a compilation copyright in the collection of Project
+Gutenberg-tm electronic works. Nearly all the individual works in the
+collection are in the public domain in the United States. If an
+individual work is in the public domain in the United States and you are
+located in the United States, we do not claim a right to prevent you from
+copying, distributing, performing, displaying or creating derivative
+works based on the work as long as all references to Project Gutenberg
+are removed. Of course, we hope that you will support the Project
+Gutenberg-tm mission of promoting free access to electronic works by
+freely sharing Project Gutenberg-tm works in compliance with the terms of
+this agreement for keeping the Project Gutenberg-tm name associated with
+the work. You can easily comply with the terms of this agreement by
+keeping this work in the same format with its attached full Project
+Gutenberg-tm License when you share it without charge with others.
+
+1.D. The copyright laws of the place where you are located also govern
+what you can do with this work. Copyright laws in most countries are in
+a constant state of change. If you are outside the United States, check
+the laws of your country in addition to the terms of this agreement
+before downloading, copying, displaying, performing, distributing or
+creating derivative works based on this work or any other Project
+Gutenberg-tm work. The Foundation makes no representations concerning
+the copyright status of any work in any country outside the United
+States.
+
+1.E. Unless you have removed all references to Project Gutenberg:
+
+1.E.1. The following sentence, with active links to, or other immediate
+access to, the full Project Gutenberg-tm License must appear prominently
+whenever any copy of a Project Gutenberg-tm work (any work on which the
+phrase "Project Gutenberg" appears, or with which the phrase "Project
+Gutenberg" is associated) is accessed, displayed, performed, viewed,
+copied or distributed:
+
+This eBook is for the use of anyone anywhere at no cost and with
+almost no restrictions whatsoever. You may copy it, give it away or
+re-use it under the terms of the Project Gutenberg License included
+with this eBook or online at www.gutenberg.org
+
+1.E.2. If an individual Project Gutenberg-tm electronic work is derived
+from the public domain (does not contain a notice indicating that it is
+posted with permission of the copyright holder), the work can be copied
+and distributed to anyone in the United States without paying any fees
+or charges. If you are redistributing or providing access to a work
+with the phrase "Project Gutenberg" associated with or appearing on the
+work, you must comply either with the requirements of paragraphs 1.E.1
+through 1.E.7 or obtain permission for the use of the work and the
+Project Gutenberg-tm trademark as set forth in paragraphs 1.E.8 or
+1.E.9.
+
+1.E.3. If an individual Project Gutenberg-tm electronic work is posted
+with the permission of the copyright holder, your use and distribution
+must comply with both paragraphs 1.E.1 through 1.E.7 and any additional
+terms imposed by the copyright holder. Additional terms will be linked
+to the Project Gutenberg-tm License for all works posted with the
+permission of the copyright holder found at the beginning of this work.
+
+1.E.4. Do not unlink or detach or remove the full Project Gutenberg-tm
+License terms from this work, or any files containing a part of this
+work or any other work associated with Project Gutenberg-tm.
+
+1.E.5. Do not copy, display, perform, distribute or redistribute this
+electronic work, or any part of this electronic work, without
+prominently displaying the sentence set forth in paragraph 1.E.1 with
+active links or immediate access to the full terms of the Project
+Gutenberg-tm License.
+
+1.E.6. You may convert to and distribute this work in any binary,
+compressed, marked up, nonproprietary or proprietary form, including any
+word processing or hypertext form. However, if you provide access to or
+distribute copies of a Project Gutenberg-tm work in a format other than
+"Plain Vanilla ASCII" or other format used in the official version
+posted on the official Project Gutenberg-tm web site (www.gutenberg.org),
+you must, at no additional cost, fee or expense to the user, provide a
+copy, a means of exporting a copy, or a means of obtaining a copy upon
+request, of the work in its original "Plain Vanilla ASCII" or other
+form. Any alternate format must include the full Project Gutenberg-tm
+License as specified in paragraph 1.E.1.
+
+1.E.7. Do not charge a fee for access to, viewing, displaying,
+performing, copying or distributing any Project Gutenberg-tm works
+unless you comply with paragraph 1.E.8 or 1.E.9.
+
+1.E.8. You may charge a reasonable fee for copies of or providing
+access to or distributing Project Gutenberg-tm electronic works provided
+that
+
+- You pay a royalty fee of 20% of the gross profits you derive from
+ the use of Project Gutenberg-tm works calculated using the method
+ you already use to calculate your applicable taxes. The fee is
+ owed to the owner of the Project Gutenberg-tm trademark, but he
+ has agreed to donate royalties under this paragraph to the
+ Project Gutenberg Literary Archive Foundation. Royalty payments
+ must be paid within 60 days following each date on which you
+ prepare (or are legally required to prepare) your periodic tax
+ returns. Royalty payments should be clearly marked as such and
+ sent to the Project Gutenberg Literary Archive Foundation at the
+ address specified in Section 4, "Information about donations to
+ the Project Gutenberg Literary Archive Foundation."
+
+- You provide a full refund of any money paid by a user who notifies
+ you in writing (or by e-mail) within 30 days of receipt that s/he
+ does not agree to the terms of the full Project Gutenberg-tm
+ License. You must require such a user to return or
+ destroy all copies of the works possessed in a physical medium
+ and discontinue all use of and all access to other copies of
+ Project Gutenberg-tm works.
+
+- You provide, in accordance with paragraph 1.F.3, a full refund of any
+ money paid for a work or a replacement copy, if a defect in the
+ electronic work is discovered and reported to you within 90 days
+ of receipt of the work.
+
+- You comply with all other terms of this agreement for free
+ distribution of Project Gutenberg-tm works.
+
+1.E.9. If you wish to charge a fee or distribute a Project Gutenberg-tm
+electronic work or group of works on different terms than are set
+forth in this agreement, you must obtain permission in writing from
+both the Project Gutenberg Literary Archive Foundation and Michael
+Hart, the owner of the Project Gutenberg-tm trademark. Contact the
+Foundation as set forth in Section 3 below.
+
+1.F.
+
+1.F.1. Project Gutenberg volunteers and employees expend considerable
+effort to identify, do copyright research on, transcribe and proofread
+public domain works in creating the Project Gutenberg-tm
+collection. Despite these efforts, Project Gutenberg-tm electronic
+works, and the medium on which they may be stored, may contain
+"Defects," such as, but not limited to, incomplete, inaccurate or
+corrupt data, transcription errors, a copyright or other intellectual
+property infringement, a defective or damaged disk or other medium, a
+computer virus, or computer codes that damage or cannot be read by
+your equipment.
+
+1.F.2. LIMITED WARRANTY, DISCLAIMER OF DAMAGES - Except for the "Right
+of Replacement or Refund" described in paragraph 1.F.3, the Project
+Gutenberg Literary Archive Foundation, the owner of the Project
+Gutenberg-tm trademark, and any other party distributing a Project
+Gutenberg-tm electronic work under this agreement, disclaim all
+liability to you for damages, costs and expenses, including legal
+fees. YOU AGREE THAT YOU HAVE NO REMEDIES FOR NEGLIGENCE, STRICT
+LIABILITY, BREACH OF WARRANTY OR BREACH OF CONTRACT EXCEPT THOSE
+PROVIDED IN PARAGRAPH 1.F.3. YOU AGREE THAT THE FOUNDATION, THE
+TRADEMARK OWNER, AND ANY DISTRIBUTOR UNDER THIS AGREEMENT WILL NOT BE
+LIABLE TO YOU FOR ACTUAL, DIRECT, INDIRECT, CONSEQUENTIAL, PUNITIVE OR
+INCIDENTAL DAMAGES EVEN IF YOU GIVE NOTICE OF THE POSSIBILITY OF SUCH
+DAMAGE.
+
+1.F.3. LIMITED RIGHT OF REPLACEMENT OR REFUND - If you discover a
+defect in this electronic work within 90 days of receiving it, you can
+receive a refund of the money (if any) you paid for it by sending a
+written explanation to the person you received the work from. If you
+received the work on a physical medium, you must return the medium with
+your written explanation. The person or entity that provided you with
+the defective work may elect to provide a replacement copy in lieu of a
+refund. If you received the work electronically, the person or entity
+providing it to you may choose to give you a second opportunity to
+receive the work electronically in lieu of a refund. If the second copy
+is also defective, you may demand a refund in writing without further
+opportunities to fix the problem.
+
+1.F.4. Except for the limited right of replacement or refund set forth
+in paragraph 1.F.3, this work is provided to you 'AS-IS', WITH NO OTHER
+WARRANTIES OF ANY KIND, EXPRESS OR IMPLIED, INCLUDING BUT NOT LIMITED TO
+WARRANTIES OF MERCHANTABILITY OR FITNESS FOR ANY PURPOSE.
+
+1.F.5. Some states do not allow disclaimers of certain implied
+warranties or the exclusion or limitation of certain types of damages.
+If any disclaimer or limitation set forth in this agreement violates the
+law of the state applicable to this agreement, the agreement shall be
+interpreted to make the maximum disclaimer or limitation permitted by
+the applicable state law. The invalidity or unenforceability of any
+provision of this agreement shall not void the remaining provisions.
+
+1.F.6. INDEMNITY - You agree to indemnify and hold the Foundation, the
+trademark owner, any agent or employee of the Foundation, anyone
+providing copies of Project Gutenberg-tm electronic works in accordance
+with this agreement, and any volunteers associated with the production,
+promotion and distribution of Project Gutenberg-tm electronic works,
+harmless from all liability, costs and expenses, including legal fees,
+that arise directly or indirectly from any of the following which you do
+or cause to occur: (a) distribution of this or any Project Gutenberg-tm
+work, (b) alteration, modification, or additions or deletions to any
+Project Gutenberg-tm work, and (c) any Defect you cause.
+
+
+Section 2. Information about the Mission of Project Gutenberg-tm
+
+Project Gutenberg-tm is synonymous with the free distribution of
+electronic works in formats readable by the widest variety of computers
+including obsolete, old, middle-aged and new computers. It exists
+because of the efforts of hundreds of volunteers and donations from
+people in all walks of life.
+
+Volunteers and financial support to provide volunteers with the
+assistance they need are critical to reaching Project Gutenberg-tm's
+goals and ensuring that the Project Gutenberg-tm collection will
+remain freely available for generations to come. In 2001, the Project
+Gutenberg Literary Archive Foundation was created to provide a secure
+and permanent future for Project Gutenberg-tm and future generations.
+To learn more about the Project Gutenberg Literary Archive Foundation
+and how your efforts and donations can help, see Sections 3 and 4
+and the Foundation information page at www.gutenberg.org
+
+
+Section 3. Information about the Project Gutenberg Literary Archive
+Foundation
+
+The Project Gutenberg Literary Archive Foundation is a non profit
+501(c)(3) educational corporation organized under the laws of the
+state of Mississippi and granted tax exempt status by the Internal
+Revenue Service. The Foundation's EIN or federal tax identification
+number is 64-6221541. Contributions to the Project Gutenberg
+Literary Archive Foundation are tax deductible to the full extent
+permitted by U.S. federal laws and your state's laws.
+
+The Foundation's principal office is located at 4557 Melan Dr. S.
+Fairbanks, AK, 99712., but its volunteers and employees are scattered
+throughout numerous locations. Its business office is located at 809
+North 1500 West, Salt Lake City, UT 84116, (801) 596-1887. Email
+contact links and up to date contact information can be found at the
+Foundation's web site and official page at www.gutenberg.org/contact
+
+For additional contact information:
+ Dr. Gregory B. Newby
+ Chief Executive and Director
+ gbnewby@pglaf.org
+
+Section 4. Information about Donations to the Project Gutenberg
+Literary Archive Foundation
+
+Project Gutenberg-tm depends upon and cannot survive without wide
+spread public support and donations to carry out its mission of
+increasing the number of public domain and licensed works that can be
+freely distributed in machine readable form accessible by the widest
+array of equipment including outdated equipment. Many small donations
+($1 to $5,000) are particularly important to maintaining tax exempt
+status with the IRS.
+
+The Foundation is committed to complying with the laws regulating
+charities and charitable donations in all 50 states of the United
+States. Compliance requirements are not uniform and it takes a
+considerable effort, much paperwork and many fees to meet and keep up
+with these requirements. We do not solicit donations in locations
+where we have not received written confirmation of compliance. To
+SEND DONATIONS or determine the status of compliance for any
+particular state visit www.gutenberg.org/donate
+
+While we cannot and do not solicit contributions from states where we
+have not met the solicitation requirements, we know of no prohibition
+against accepting unsolicited donations from donors in such states who
+approach us with offers to donate.
+
+International donations are gratefully accepted, but we cannot make
+any statements concerning tax treatment of donations received from
+outside the United States. U.S. laws alone swamp our small staff.
+
+Please check the Project Gutenberg Web pages for current donation
+methods and addresses. Donations are accepted in a number of other
+ways including checks, online payments and credit card donations.
+To donate, please visit: www.gutenberg.org/donate
+
+
+Section 5. General Information About Project Gutenberg-tm electronic
+works.
+
+Professor Michael S. Hart was the originator of the Project Gutenberg-tm
+concept of a library of electronic works that could be freely shared
+with anyone. For forty years, he produced and distributed Project
+Gutenberg-tm eBooks with only a loose network of volunteer support.
+
+Project Gutenberg-tm eBooks are often created from several printed
+editions, all of which are confirmed as Public Domain in the U.S.
+unless a copyright notice is included. Thus, we do not necessarily
+keep eBooks in compliance with any particular paper edition.
+
+Most people start at our Web site which has the main PG search facility:
+
+ www.gutenberg.org
+
+This Web site includes information about Project Gutenberg-tm,
+including how to make donations to the Project Gutenberg Literary
+Archive Foundation, how to help produce our new eBooks, and how to
+subscribe to our email newsletter to hear about new eBooks.
+